Uilleam MacDhùghaill ciontach de mhurt Renee NicRath

  • Air fhoillseachadh
Andrew and Renee MacRaeTùs an deilbh, Renee MacRae family
Fo-thiotal an deilbh,

Cha deach cuirp Anndra agus Renee a lorg riamh

Chaidh Uilleam MacDhùghaill fhaighinn ciontach de mhurt a leannan Renee NicRath, 36, agus am mac Anndra aois 3, sa Ghàidhealtachd air an 12mh den t-Samhainn 1976.

Bha MacDhùghaill, 80 à Penrith ann an Cumbria, air a dhol as àicheadh nan casaidean a thachair bho chionn 46 bliadhna.

Cha deach na cuirp aca a lorg riamh.

Bill MacDowellTùs an deilbh, PETER JOLLY NORTHPIX
Fo-thiotal an deilbh,

Uilleam MacDhùghaill

Fhuair an diùraidh aig an Àrd-chùirt ann an Inbhir Nis gun robh Mgr MacDhùghaill ciontach de mhurt Renee agus Anndra agus a bhith a' faighinn cuidhteas na cuirp aca.

Bha an luchd-lagh aige air dìon sònraichte a chuir air adhart às a leth agus e coireachadh neach eile airson na thachair.