Dragh às ùr mun A9
- Air fhoillseachadh
![Sloc Muice](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/150B0/production/_127029168_5708529_e94a4bee.jpg)
Dh'iarr fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid prìomhachas a thoirt do dh'obair-leasachaidh air an A9.
Thàinig an t-iarrtas bhon Chomh. Bill Lobban is ochdnar air am beatha a chall faisg air Sloc Muice taobh a-staigh trì mìosan.
Thuirt an Comh. Lobban gu bheil e soilleir gu bheil an rathad "cunnartach" is gum bu chòir a dhèanamh dà-fhillte cho luath 's a ghabhas airson daoine a dhìon.
Thog e cuideachd air ceumannan eile gus an rathad a dhèanamh nas sàbhailte san ùine ghoirid.
"Tha e follaiseach a-nise nach bi an A9 dà-fhillte ro 2025 is feumaidh sinn mar sin dèanamh nas urrainn dhuinn leis an ionmhas a th' ann," thuirt Bill Lobban.
"A' coimhead ri Sloc Muice, cha bu chòir cead a bhith aig càraichean a dhol seachad air càraichean eile eadar Drochaid Chàrra is ceann an t-Sluice.
Taic
"Mura h-eil airgead gu leòr ann, 's dòcha gum bu chòir coimhead ri cinn-rathaid a leasachadh, mar eisimpleir ceann-rathaid Bhaile Ùir an t-Slèibh.
"Tha tòrr rudan ann a ghabhas a dhèanamh ach 's e cnag na cùise gum feum an A9 a bhith dà-fhillte eadar Inbhir Nis is Peairt," thuirt e.
Tha dithis de riochdairean na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, am BPA Làbarach Rhodha Ghrannd is Fearghas Ewing bhon SNP, cuideachd air a' chùis a thogail ann an Holyrood anns na seachdainnean mu dheireadh is sreath thubaistean air an an rathad as t-Samhradh.
Gheall Riaghaltas na h-Alba bho thùs gum biodh an A9 eadar Inbhir Nis is Peairt dà-fhillte ro 2025 ach gu ruige seo, cha deach ach dhà a-mach à aon earrann deug a dhèanamh.
Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur "làn thaic" ris a' phròiseict fhathast, is gu bheil obair a' leantainn air roghainnean airson nan earrannan eile.
Aig an dearbh àm, chaidh innse do dhràibhearan gum bu chòir dùil a bhith aca ri dàil timcheall air Sloc Muice anns na seachdainnean ri tighinn.
Thuirt Còmhdhail Alba gum bi obair a' dol fad 11 sheachdain eadar Drochaid Rèile Shrath Èireann agus an Sloc is gum bi dìreach aona shlighe den rathad fosgailte aig diofar amannan.
Tha seo fhèin mar phàirt de phròiseact leasachaidh an A9.