Sturgeon: Cha robh cùmhnant MhicFhearghais taobhach

  • Air fhoillseachadh
SturgeonTùs an deilbh, Andrew Cowan

Chaidh Nicola Sturgeon gu tur às àicheadh gun robh buaidh phoileataigeach air mar chaidh cùmhnant a thoirt seachad airson dà bhàt'-aiseig ùr do ChalMac.

Bha am Prìomh Mhinistear a' toirt fianais seachad do rannsachadh aig Holyrood mun dàil agus a' chosgais mhòr a bharrachd a th' air na h-aiseagan a thathas a' togail aig Gàrradh MhicFhearghais (FMEL).

Chaidh faighneachd dhi an e "jobs for the boys" a bh' ann nuair a chaidh an cùmhnant a thoirt do neach aig an robh càirdeas leis an riaghaltas.

Thuirt am Prìomh Mhinistear nach robh càil idir mì-iomchaidh sa phròiseas tairgse.

Tha an rannsachadh aig Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich ann am Pàrlamaid na h-Alba a' tighinn às dèidh aithisg bho Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba a thuirt gun deach grunn nithean ceàrr sa phròiseas.

Tha na soithichean còig bliadhna air dheireadh agus dh'fhaodadh gun cosg iad còrr air trì uidhear a' phrìs de £97m a bh' anns a' chùmhnant an toiseach.

Cùmhnant

Chaidh cùmhnant nan aiseagan ùra a thoirt do Ghàrradh MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu ann an 2015.

Bha seo bliadhna às dèidh dhan ghàrradh a bhith air a shàbhaladh leis an fhear-gnothachais, Jim MacColla, fear a bha a' toirt taic dhan SNP agus a bha am measg luchd-comhairle eaconomach a' Phrìomh Mhinisteir.

Dh'iarr am BPA Tòraidheach Sharon Dowey, an e "jobs for the boys" a bh' ann nuair a chaidh an cùmhnant a thoirt do Mhgr MacColla.

Thuirt Ms Sturgeon: "Ma tha thu ag ràdh gun robh nithean mì-iomchaidh sa phròiseas tairgse airson a' chùmhnant a stiùireadh a dh'ionnsaigh FMEL, cha robh, cha robh idir."

Thuirt i gun robh i gu nàdarra toilichte gun deach an obair gu companaidh Albannach a chuireadh dìon air obraichean Albannach - ach gun robh e cudromach gun deadh a dhèanamh son dòigh cheart.

Agus thuirt i gun robh mar a chaidh an cùmhnant a thoirt seachad stèidhichte air measadh CMAL air na tairgsean a-mhàin.

Càineadh

Rinn Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba càineadh air a' phròiseact sa Mhàrt is an aithisg aca ag ràdh gur e pròiseact a th' ann a bh' air fàiligeadh aig grunn ìrean.

Fhuaireadh cuideachd gun do chuir ministearan taic ris an aonta gun na riaghailtean àbhaisteach a thaobh tèarainteachd ionmhais a bhith an sàs.

Chaidh faighneachd dhan Phrìomh Mhinistear carson a thug Derek MacAoidh, a bha na mhinistear còmhdhail aig an àm, cead dhan chùmhnant ged a bha bòrd CMAL air teagamhan a thogail mun ghainnead de bharantasan ionmhasail.

Thuirt i gun robh doighean gan lorg gus an cunnart a lùghdachadh, agus stèidhichte air an fhiosrachadh a bh' aige, shaoil i gun do rinn e "co-dhùnadh reusanta".

"Chan eil mi ag ràdh gum bithinn fhèin air co-dhùnadh eile a ruighinn - chan eil mi a' smaoineachadh gum biodh - ach 's dòcha le bhith a' coimhead air ais bu chòir dhan a' chùis a bhith air a thoirt gu m' aire."

Dh' fhàg Mgr MacAoidh an riaghaltas ann an 2020.

Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Derek MacAoidh a cheadaich an cùmhnant nuair a bha e na mhinistear na còmhdhail

Ghabh Ms Sturgeon ris gum chòir rannsachadh a bharrachd a dhèanamh air nithean a chaidh a thogail ann am prògram Disclosure aig a' BhBC a sheall fianais gun d'fhuair FMEL làimhseachadh fàbharach sa phròiseas tairgse.

Thuirt i ge-tà nach robh i fhèin mothachail gun deach càil mì-iomchaidh a dhèanamh.

Fhuair am prògram fianais gun deach leigeil le FMEL an tairgse aca atharrachadh agus lùghdachadh às dèidh a' chinn-ùine, agus gun d' fhuair iad sealladh air "liosta mhiannan" aig CalMac nach robh aig luchd-tairgse sam bith eile.

Thuirt buidheann nan aiseagan aig an riaghaltas, CMAL, nach d' fhuair iad fianais sam bith a tha a' cur taic ri na casaidean aig a' BhBC, agus chuir iad dìon air a' phròiseas tairgse.