Cìs turasachd 'airson a' ghnìomhachais fhèin'

  • Air fhoillseachadh
Bhana-campachaidh

Tha Caidreachas Turasachd na h-Alba ag ràdh gum bu chòir airgead a thigeadh a-steach tro chìs turasachd a bhith air a chosg air a' ghnìomhachas fhèin.

Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn reachdas a thoirt a-steach, taobh a-muigh a bheireadh cumhachdan do dh'ùghdarrasan ionadail cìs a chur air luchd-turais.

Chuir Caidreachas Turasachd na h-Alba rannsachadh air dòigh mun chùis is co-labhairt a' dol air adhart ann an Dùn Èideann an-dràsta mu staid a' ghnìomhachais ann an Alba.

Tha a' bhuidheann fhèin an aghaidh cìs a bhith ann ach tha iad ag ràdh gu bheil iad a' gabhail ris gun tèid a cur an sàs.

Sheall an rannsachadh aca gun robh 48% de dhaoine ann an Alba an aghaidh cìs air luchd-turais is 44% air a son.

Bha an taic as motha san sgrùdadh ann an Dùn Èideann fhèin far an robh 57% airson cìs turasachd a thoirt a-steach.

Chuir Comhairle Dhùn Èideann taic roimhe ri planaichean 'son cìs £2 gach oidhche a chur air luchd-turais 'son suas ri seachd oidhcheanan.

Thuirt 46% de dhaoine gum biodh iad buailteach a bhith a' beachdachadh air làithean-saora ann am pàirtean eile den Rìoghachd Aonaichte far nach robh cìs turasachd nam biodh a leithid ann an Alba.

Dh'innis 29% nach biodh iad 'son dad sam bith a phàigheadh, 22% gum biodh iad deònach suas ri £1 gach oidhche a phàigheadh, bha 24% taiceil a thaobh £2 a phaigheadh, is 13% a bha deònach còrr is £2 a thoirt seachad.

Dìon

Am measg an fheadhainn a bha a' cur taic ri cìs, bha faireachdainn ann gur e dòigh a bhiodh ann airgead a thogail 'son cosg san sgìre ionadail.

Tha Caidreachas Turasachd na h-Alba fhèin ag ràdh gu bheil e fìor chudromach gum biodh airgead a thigeadh a-steach tro chìs air a chosg air a' ghnìomhachas fhèin.

"Tha turasachd a' toirt tòrr airgid a-steach a dh'Alba is feumaidh sinn an gnìomhachas a dhìon", thuirt àrd-stiùiriche a' chaidreachais, Marc Crothall.

"Tha fios againn gu bheil uallach air buidseatan is tha sinn airson plana mionaideach a stèidheachadh air mar a rachadh airgead bho chìs a chosg.

"Bu chòir a chur air ais a-steach dhan ghnìomhachas fhèin airson dèanamh cinnteach gu bheil luchd-turais a' tilleadh is a' cosg airgid anns na h-eaconomaidhean ionadail againn.

"Feumaidh sinn sin ma tha Alba gus ceann a' mhaide a chumail ri dùthchannan eile.

"Tha cruaidh fheum air conaltradh a bharrachd leis a' ghnìomhachas fhèin air mar a dh'obraicheadh seo", thuirt e.