Deasbad mu bhile ùr nan cànanan Albannach

  • Air fhoillseachadh
Coinneamh Thar-phàrtaidh Holyrood

Chaidh innse do bhuidheann thar-phàrtaidh na Gàidhlig aig Holyrood nach eil gu leòr a' tachairt 'son coimhearsnachdan Gàidhlig a chumail beò.

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' trusadh bheachdan air bile ùr nan cànanan Albannach.

Tha iad gu sònraichte a' togail air am bu chòir do Ghàidhealtachd oifigeil a bhith air a stèidheachadh anns am faigheadh a' Ghàidhlig taic oifigeil agus a bheil a' bhuidheann riaghaltais Bòrd na Gàidhlig a' cur feum air atharrachadh.

Aig a' choinneimh ann an Holyrood Diciadain chaidh bhruidhinn air dè a bu chòir a bhith sa bhile.

Rinn an t-eòlaiche cànain, Caoimhín Ó Donaíle, a-mach gum feumadh ceangal a dhèanamh eadar poileasaidh taigheadais agus a' Ghàidhlig.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin fada nas làidire sa Chuimrigh gu h-àraid, agus ann an Èirinn na tha ann an Alba. Cha bhi Gàidhlig sa sgìre mura a bi muinntir na sgìre ann, ma 's e taighean saor-làithean a tha sa sgìre.

Fo-thiotal an deilbh,

Bhruidhinn Caoimhín Ó Donaíle ris a' chomataidh tro cheangal bhideo.

Chaidh cuid nas fhaide, ge-ta. Thuirt Fionnlagh MacLeoid, a tha air a bhith a' strì airson cor na Gàidhlig fad iomadach bliadhna, nach robh Alba idir a' dèanamh na bha a dhìth 'son sgìrean Gàidhlig a ghlèidheadh:

"Ann an cuid de dh'àtitichean air feadh an t-saoghail tha iad ag ràdh gu bheil 18 diofar ghoireasan agus seirbheisean a dhìth airson coimhearsnachd a thogail agus a chur air adhart, ach chan eil mi a' faicinn càil de na rudan a tha sin a' tachairt againne ann an Alba. Carson?

"Carson a tha na gnothaichean cho fada air ais ann an Alba an taca ri dùthchannan eile?"

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein, gu robh diofar rudan a dhìth ann an diofar sgìrean: "Tha sinn ag aithneachadh sin gu sònraichte, mar eisimpleir, a thaobh feumalachdan daoine a tha a' fuireach sna h-eileanan agus an dòigh a tha rudan mar dìth thaigheadais agus dreuchdan, 's an eaconamaidh.

Sna bailtean mòra tha sinn ag aithneachadh gu bheil daoine ag iarraidh barrachd chothroman 'son a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig gu làitheil agus gu bheil coimhearsnachdan nas làidire.

Bha Màrtainn Mac a' Bhàillidh bhon bhuidhinn-strì Misneachd cuideachd aig a' choinneimh. Thuirt esan gun robh daoine a' tuigsinn gu bheil taigheadas, obraichean agus bunstructar cudromach ann an seasmhachd coimhearsnachdan eileanach.

"Na'r beachdne chan eil iad seasmhach gu leòr airson a' Ghàidhlig a chumail beò," thuirt e.

Thig a' cho-chomhairle gu ceann an ath-sheachdain.