Tubaistean an A9: Chan e "aon rud a-mhàin" as coireach

  • Air fhoillseachadh
A9

Tha àrd-oifigearan poilis ag ràdh nach e aon rud a-mhàin as coireach ris an àrdachadh ann an tubaistean bàsmhor air an A9.  

Chaidh 13 duine a mharbhadh am-bliadhna air an rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt.

'S e sin an àireamhan as miosa ann an còrr is 20 bliadhna.

Chaill triùir eile am beatha air an rathad eadar Inbhir Nis agus Gallaibh.

Bho 2012 bha an àireamh de dhroch thubaistean air an A9 a' tuiteam ach am-bliadhna tha àrdachadh uabhasach air a bhith ann.

Thuirt an t-Àrd Inspector Andy Barclay bho Phoileas Alba nach e aon rud a-mhàin as coireach airson sin.

Dh'innis na poilis gu bheil dràibhairean bho thall-thairis air a bhith an sàs ann an cuid de na tubaistean.

Mearachdan

Ach thuirt iad gu bheil grunn adhbharan eile ann airson tubaistean, nam measg sgìths, mearachdan bho dhraibhearan, is dìth eòlais.

Thuirt na poilis nach eil an rathad fhèin mì-shàbhailte, is gur e draibhearan a tha ga dhèanamh neo-shàbhailte.

Ann an 2014, chaidh camarathan sònraichte a chur air an rathad a bhios a' tomhas astar cuibheasach luchd-cleachdaidh an rathaid.

Rinneadh sin ann an oidhirp gus lùghdachadh a thoirt air an àireamh thubaistean bàsmhor.

Agus bha coltas ann gun robh na h-àireamhan a' tighinn sìos.

Ann an 2015 chàill còignear am beatha air an rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt.

Agus thairis air na trì bliadhna eadar 2019 agus 2021, cha do chaill ach aon neach am beatha.

Dà-fhillte

Gheall Riaghaltas na h-Alba roimhe gun tèid an A9 a dheanamh dà-fhillte eadar Peairt is Inbhir Nis ro 2025 ach tha mòran a-nis ag radh nach gabh sin coileanadh.

Tha uallach a-nis air an riaghaltas clàr-ama ùr fhoillseachadh airson na h-obrach.

Thairis air na 10 bliadhna a dh'fhalbh tha am pròiseact air dà earrann den rathad a dhèanamh dà-fhillte, 11 mìle de dh'fhaid uile gu lèir.

Ach tha fhathast naoi earrannan eile ri dhèanamh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil deisealachadh air tòiseachadh air ochd às na naoi earrannan.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gun rachadh £95,000 a chosg thairis air na ceithir mìosan a tha romhainn gus leasachadh a dhèanamh air na sànasan agus comharran-rathaid air an rathad eadar Inbhir Nis is Peairt.