Taigh-tasgaidh iomain ga mholadh airson a' Bhucht

  • Air fhoillseachadh
Pairc a' Bhucht

Tha leasachadh mòr aig stàdium Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis ga mholadh do chomhairlichean na sgìre.

Tha na planaichean, luach £7m, airson leasachadh air an stand a th' ann an drasta.

Cuideachd, rachadh seòmraichean sgeadachaidh ùra a thogail air a chùlaibh agus leasachadh a dhèanamh air an raon-pàircidh.

Bhiodh pavilion ùr air a thògail ri taobh an stand, far am biodh taigh-tasgaidh mu iomain.

Tha geamaichean mòra camanachd tric gan cluich aig Pàirc a' Bhucht, cuairt-dheireannach Cupa na Camanachd nam measg.

Tha oifigich na comhairle air moladh gum bu chòir dha chomhairlichean cead a thoirt dha na planaichean.

Thèid na molaidhean air beulaibh bhuill de chomataidh planaidh airson na sgìre mu dheas aig Comhairle na Gàidhealtachd nuair a choinnicheas iad Dimàirt 13mh Dùbhlachd.