Tè òg à Inbhir Nis sa chuairt dheireannaich de dh'fharpais fasain eadar-nàiseanta
- Air fhoillseachadh

Orla a' taisbeanadh an dreasa a rinn i
Tha Orla Ni Eadhra, 18, à Inbhir Nis air siubhal a dh'Abu Dhabi airson cuairt dheireannach na cruinne de dh'fharpais fasain ath-chuairteachail.
'S e farpais a th' ann an Junk Kouture a tha ag iarraidh air dealbhadairean fasan a dhèanamh a rèir na h-àrainneachd.
Chaidh an dreasa a rinn Orla à seann trampoline agus pàipearan suiteis a thaghadh mar thè de dheich bho fharpais na Rìoghachd Aonaichte.
Tha Orla agus na farpaisich Bhreatannach eile a-nis troimhe gu cuairt dheireannach na cruinne ann an Abu Dhabi am measg 60 farpaiseach eile.
A bharrachd air an Rìoghachd Aonaichte tha dealbhadairean ann às Èirinn, an Eadailt, an Fhraing, na Stàitean Aonaichte agus Abu Dhabi fhèin.

Orla agus a seann thidsear ealain aice Laura Quinn a shiubhail còmhla rithe gu Abu Dhabi
'S e Jump for Joy ainm an dreasa a rinn Orla, agus thuirt i gu bheil i air a dòigh glan an ìre seo den fharpais a ruighinn.
"Tha mi a' coimhead air adhart ris an rud air fad air sgàth 's gu bheil e cho ùr agus cho inntinneach.
"'S dòcha gum buannaich mi rudeigin ach chan eil mi a' smaointinn, ach tha teansa beag ann 's dòcha!
"Tha tòrr dhiofar roinnean ann mar a' mhaise-gnùis as fheàrr, an rud as dealraiche, rud dìreach a-mach à plastaig agus 's e am fear air a bheil mise ag amas an stuth as cruthachaile airson an trampoline a chleachd mi oir chan eil mi air sin fhaicinn riamh san fharpais."
Còmhla ri Orla ann an Abu Dhabi tha a caraid Elissa Hunter-Dorans agus Laura Quinn, tidsear ealain bho Acadamaidh Rioghail Inbhir Nis, far an d' fhuair Orla foghlam ard-sgoile.
Bidh cuirm na cuairt deireannaich ga cumail ann an Arena Etihad air Eilean Yas Diciadaoin.