Àrd-choinneamh an Inbhir Nis mu fhaoileagan am bailtean na h-Alba

Faoileag air bòrd le soithichean is poit teathaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid àrd-choinneamh a chumail an Inbhir Nis an t-seachdain seo tighinn mu fhaoileagan ann am bailtean.

Tha beagan mì-thoileachais ann ge-tà, nach deach cuireadh a thoirt do bhuill-phàrlamaid Albannach agus nach fhaigh na meadhanan cead a dhol ann.

Tha daoine air a bhith a' gearain mu fhaoileagan ann am bailtean mar Eilginn, Inbhir Narrann is Inbhir Nis thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh.

Chaidh feadhainn fiù 's fhàgail san ospadal an dèidh ionnsaighean bho na h-eòin.

Na bu thràithe am-bliadhna, chuir Comhairle na Gàidhealtachd plana air dòigh airson dèiligeadh ri faoileagan Inbhir Nis.

'S e Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, a bhios anns a' chathair air coinneimh na h-ath-sheachdain.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba nach fhaigh buill-phàrlamaid Albannach cuireadh agus nach bi cead aig na meadhanan faighinn a-steach.

Tha am Ball-Pàrlamaid Albannach Dùghlas Ros bho na Tòraidhean ag ràdh gu bheil sin "garbh neònach".

Thuirt Mgr Fairlie gur e àrd-choinneamh a th' ann do dhaoine a tha an sàs "air an talamh", agus gum bi e toilichte bruidhinn ris na co-obraichean aige aig Holyrood mun chuspair anns a' Phàrlamaid.