Dachaigh-cùraim an Ullapul gus dùnadh

  • Air fhoillseachadh
Mo DhachaidhTùs an deilbh, Google

Tha dachaigh-cùraim an Ullapul gus dùnadh is a' chompanaidh a tha ga ruith ag ràdh gur e cosgaisean àrda as coireach.

Thuirt Parklands Care Homes gu bheil suidheachadh an ionmhais a' fàgail nach eil ionad Mo Dhachaidh sa bhaile a-nise seasmhach.

Dùinidh an dachaigh air an 23mh den Ghiblean is dh'innis Parklands gu bheil iad ag obair còmhla ri NHS na Gàidhealtachd gus àitichean-còmhnaidh eile fhaighinn airson an 14 duine a tha a' fuireach aig Mo Dhachaidh.

Tha Parklands cuideachd ag ràdh gun tèid cosnaidhean eile sa chompanaidh a thabhainn air luchd-obrach air a bheil seo a' toirt buaidh, air neo airgead-dìolaidh mura h-eil an obair eile freagarrach dhaibh.

Briseadh-dùil

Thuirt Parklands gun do rinn iad a h-uile oidhirp Mo Dhachaidh a chumail fosgailte is gur e seo co-dhùnadh cho doirbh 's a rinn iad a-riamh.

Thuirt iad gu bheil iad a' tuigsinn gur e briseadh-dùil mòr a bhios ann dhan choimhearsnachd, ach gur e dearbhadh eile a th' ann air na duilgheadasan a tha an lùib dachaighean-cùraim a ruith ann an sgìrean dùthchail, is le cosgaisean a' sìor èirigh.

Chan eil ann ach beagan mhìosan bho cheannaich Parklands Mo Dhachaidh.

Thuirt iad aig an àm sin gun robh iad am beachd leasachadh a thoirt air agus barrachd luchd-obrach fhastadh.