Àrdachadh eile an àireamhan FtMG air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
![Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/12EED/production/_100894577_schooolwideshot.jpg)
Tha an àireamh de chloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoiltean na Gàidhealtachd air èirigh a-rithist, ach tha trioblaidean a' leantainn le gainnead luchd-teagaisg.
Cluinnidh Comataidh Foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd aig coinneimh, taobh a-muigh an ath-sheachdain gu bheil 1,101 sgoilear ann am foghlam Gàidhlig ann am bun-sgoiltean na sgìre ann an 2022/23.
Tha seo suas bho 1,082 ann an 2021/22. Gu dearbh, tha àireamhan air èirigh gach bliadhna bho 2015/16, nuair a bha 881 sgoilear ann an FtMG aig tuath.
Chaidh àireamhan ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean sa Ghàidhlig suas cuideachd, bho 307 ann an 2021/22 gu 339 a-nise.
A thaobh foghlaim àrd-sgoile, tha àireamhan a tha a' dèanamh chuspairean tron Ghàidhlig suas bho 287 gu 354, ged a tha sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chuspair sìos bho 2,204 gu 2,030.
Luchd-teagaisg
Ach a dh'aindeoin seo, tha an aithisg cuideachd ag innse gu bheil "dùbhlan mòr" a' leantainn a thaobh àireamhan luchd-teagaisg is gu bheil an dùbhlan sin a' sìor fhàs.
A rèir na h-aithisg, bha 15 dreuchdan bàn ann an FtMG aig toiseach bliadhna-sgoile 2022/23.
A thuilleadh air sin, thathas a' togail air gainnead mòr de thidsearan a tha comasach air a bhith ag obair ann an FtMG nuair a tha tidsearan àbhaisteach dheth, tidsearan 'supply'.
Anns an t-suidheachadh seo, 's e foghlam tron Bheurla a gheibh na sgoilearan.
Beachdaichidh buill na comataidh air an aithisg aig a' choinneimh Diciadain seo tighinn.