Iomairt Ghlaschu gus leantainn
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Comann nam Pàrant ann an Glaschu gu bheil iad a' togail dragh le comhairle a' bhaile gach cothrom a gheibh iad mun chasg air àireamhan nan sgoilearan ann an Clas 1 ann am FtMG, is gu bheil iad an dùil a thogail le Riaghaltas na h-Alba.
Choinnich a' bhuidheann le pàrantan air-loidhne oidhche Chiadain às dèidh dha tighinn am bàrr an t-seachdain seo chaidh gun deach àite ann am foghlam Gàidhlig san Lùnastal a dhiùltadh do 46 duine cloinne.
Chan fhaigh ach 140 pàiste àite sa chiad bhliadhna ann am bun-sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu gach bliadhna, àireamh a stèidhich Comhairle Ghlaschu is cuingealachadh ann a thaobh àitichean FtMG san àrd-sgoil.
Tha seo air fàgail gu bheil briseadh-dùil ann do chuid de chloinn is pàrantan gach bliadhna, is 's e 46 an àireamh as motha a bh' ann thuige seo.
Thuirt Comhairle Ghlaschu gu bheil iad a' tuigsinn gur e briseadh-dùil a tha seo do theaghlaichean, ach gu bheil àireamhan buailteach a bhith ag atharrachadh beagan ro thoiseach na bliadhna sgoile, is gun tèid fios a chumail ri pàrantan.
Iomairt
Aig a' choinneimh oidhche Chiadain, thuirt Comann nam Pàrant ann an Glaschu gu bheil iad gu làidir an aghaidh a' chaisg de 140 sgoilear, is gu bheil iad a' togail seo leis an ùghdarras ionadail tric is minig.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad an dùil sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba mun chùis anns na seachdainean ri tighinn.
Mhol iad do phàrantan nach d' fhuair àite san Lùnastal am-bliadhna a dhol an sàs ann am pròiseas tagraidh oifigeil Comhairle Ghlaschu, is iad ag ràdh gur e cothrom a th' ann do phàrantan an guth a thogail, a dh'aindeoin dhraghan gur ann do sgoilearan na Beurla a chaidh am pròiseas seo a chur air dòigh bho thùs.
Bhrosnaich iad pàrantan cuideachd an suidheachadh a thogail le comhairlichean is buill-phàrlamaid ionadail.
Chuala a' choinneamh cuideachd bho ghrunn de na pàrantan fhèin is iad ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann dhaibh fhèin is an cuid chloinne.
Thuirt cuid gun robh iad a' faireachdainn gun chumhachd is mì-chinnteach mun t-slighe air adhart.
Sgoil ùr
Aig an dearbh àm, dh'fhosgail bhòt air-loidhne airson ainm a thoirt air a' cheathramh bun-sgoil Ghàidhlig a bhios ann an Glaschu.
'S ann air taobh sear a' bhaile a bhios an sgoil is tha trì roghainnean ann mar aim. Tha na n-ainmean mar a chaidh an cur air adhart mar a leanas:
Bun-sgoil Ghàidhlig an Taoibh Shear
Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn
Bun-sgoil GhilleMoChotha
Thathas ag innse air a' phàipear-bhòtaidh gu bheil e glè choltach gun robh Gàidhlig aig a' chiad theaghlach a bha air an clàradh ann an Glaschu san 12mh linn, is gun robh iad a' fuireach faisg air far am bi an sgoil.
'S e Gillemachoi a bh' air fear dhiubh.
Tha a' bhòt air fosgladh a-nise is cothrom bhòtaidh aig teaghlaichean le clann an FtMG ann an Glaschu is feadhainn a bhios san sgoil ùir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Gearran 2023