Stailc air fàire do luchd-obrach rathaid an A9

Obair air an A9
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh an t-aonadh Unite gum bi ùpraid air an A9 eadar Peairt is Inbhir Nis agus luchd-obrach nan rathaidean air bhòtadh airson a dhol air stailc.

Tha an t-eas-aonta co-cheangailte ri ìrean pàighidh luchd-obrach Bear Scotland a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis agus ris a bheil e an urra a bhith a' coimhead às dèidh nam prìomh rathaidean air feadh Alba - nam measg an A9.

Dhiùlt an luchd-obrach gabhail ri tairgse pàighidh a bhiodh air a' bhann phàighidh as ìsle àrdachadh o £12 san uair gu £12.75 san uair. Tha an tairgse anns na bannan eile a' dol suas not san uair - le àrdachadh gu £14.25 o £13.25 ga thabhainn aig an ìre as àirde.

Tha Unite a' cumail a-mach gu bheil luchd-obrach a tha a' dèanamh an aona sheòrsa obair aig companaidhean ionadail eile a' cosnadh suas ri £16.00 san uair.

Thuirt àrd-rùnaire an aonaidh Sharon Graham nach urrainn gabhail ri na h-ìrean pàighidh ìosal a th' aig luchd-obrach Unite an Inbhir Nis agus iad ag obair a h-uile là anns a h-uile seòrsa aimsir.

Thuirt Unite gun do rinn Bear Scotland prothaidean de £3.7m an-uiridh agus gun urrainn dhaibh suim dheusanta a thoirt dha na buill aca.

Tha obair gu math mòr a' dol an-dràsta air an A9 a dhèanamh dà-fhillte eadar Peairt is Inbhir Nis.

Thathar ag amas air an obair sin a bhith deiseil ro 2035 aig cosgais £3.7bn - seo a-rèir Còmhdhail Alba.

Chaidh beachd iarraidh bho Bear Scotland.