Àite am FtMG an Glaschu ga dhiùltadh do sgoilearan
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle Ghlaschu air àite ann am foghlam Gàidhlig a dhiùltadh do chòrr air 40 sgoilear airson 2023/24.
Chan fhaigh ach 140 pàiste àite sa chiad bhliadhna ann am bun-sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu gach bliadhna.
Seo àireamh a stèidhich a' Chomhairle gus smachd a chumail air na th' ann de sgoilearan ann am FtMG.
Dh'innis iad roimhe gum feum iad casg a chur air àireamhan aig ìre na bun-sgoile fhad 's a tha iad ag obair air planaichean gus barrachd àitichean a chur air dòigh aig àrd-sgoil Ghàidhlig a' bhaile.
Tha e a-nise air tighinn am bàrr gun deach àite a dhiùltadh do 46 pàiste 'son na bliadhna sgoile a bhios a' tòiseachadh san Lùnastal 2023.
Tha fios gu bheil teaghlaichean le Gàidhlig aig an taigh nam measg an fheadhainn air a bheil seo a' toirt buaidh.
Briseadh-dùil
Tha cuid do theaghlaichean air innse do BhBC Naidheachdan gur e briseadh-dùil mòr a th' ann dhaibh.
A thuilleadh air feadhainn nach d'fhuair àite idir san Lùnastal, chaidh innse do chuid eile nach bi àite ann aig a' bhun-sgoil Ghàidhlig as fhaisge orra, is gum feum iad siubhal gu sgoil eile ann an Glaschu far a bheil foghlam Gàidhlig.
Leis an iarrtas air FtMG ann an Glaschu cho àrd, tha an suidheachadh seo air bualadh air mòran theaghlaichean anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Thuirt Comhairle Ghlaschu gu bheil iad a' tuigsinn gur e briseadh-dùil a bhios ann do theaghlaichean, ach gu bheil àireamhan buailteach a bhith ag atharrachadh beagan ro thoiseach na bliadhna sgoile.
Gheall iad gun cùm iad fios ri pàrantan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Gearran 2022
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2022
- Air fhoillseachadh11 An Gearran 2021