Sgrùdadh ga iarraidh mun A9
- Air fhoillseachadh
![A9](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/03F8/production/_128561010_a9reuters.jpg)
Sgrìobh Neach-labhairt Còmhdhail nan Làbarach Niall Bibby gu Cathraiche Comataidh Ath-Chuingean Poblach na Pàrlamaid Albannaich, Jackson Carlaw, a dh'iarraidh sgrùdadh pàrlamaideach air oidhirpean gus an A9 a dhèanamh dà-fhillte is e ag ràdh gu bheil an riaghaltas air fàilligeadh gu dona.
Dh'innis Ministear na Còmhdhail Jenny Gilruth an t-seachdain a chaidh gun tèid obair air pàirt dhen rathad eadar Tom Aiteann agus a' Mhòigh a-mach gu tairgse a-rithist agus nach gabh an rathad eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte air fad ro 2025 a-nis, mar a gheall an SNP.
Buaidh Covid is eile
Thuirt Jenny Gilruth gun tug nithean mar Covid, Brexit, is cogadh na h-Ucràin buaidh air a' phròiseact.
Chan eil fhios cuine a bhios an obair deiseil ged a gheall i gun tèid clàr-ama a' chur air dòigh as t-fhoghar.
Tha na Làbaraich ag ràdh nach deach ach mu dheich mìle dhen t-slighe a dhùblachadh bho 2007 agus gun do bhàsaich 13 duine air an rathad an-uiridh.
Fearg
Thuirt Niall Bibby gu bheil fearg air muinntir na Gàidhealtachd agus daoine eile a bhios a' cleachdadh an rathaid.
Tha Mgr Bibby ag ràdh gu bheil e a' tuigse gu bheil ath-chuinge air a dhol chun na comataidh mun A9, agus tha e a' cur ìmpidh orra coimhead ris a' chùis cho luath sa ghabhas.
Bha e ag ràdh gu bheil Làbaraich na h-Alba dhen bheachd gum bu chòir sgrùdadh pàrlamaideach a chumail air mar a dh'fhailicheas an SNP gealltanas gus an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte ro 2025 a choileanadh.
Thuirt iad gun toir an suidheachadh droch bhuaidh air muinntir na Gàidhealtachd, an eaconomaidh agus sàbhailteachd.