Dh'eug am fear a chaidh a dhìteadh 'son murt Renee NicRath

  • Air fhoillseachadh
Uilleam MacDhùghaillTùs an deilbh, PETER JOLLY NORTHPIX

Bhàsaich Uilleam MacDhùghaill beagan mhìosan às dèidh dha a bhith air a dhìteadh 'son Renee NicRath 's a mac Anndra a mhurt air Ghàidhealtachd ann an 1976.

Chaidh MacDhùghaill a dhìteadh san t-Sultain an-uiridh às dèidh na cùis-lagh aig an Àrd-Chuirt an Inbhir Nis.

Bha sin 46 bliadhna bho chaidh Renee agus a mac Anndra a dhìth.

Agus ged a chaidh lorg fhaighinn air a' chàr aice air an A9 faisg air Inbhir Nis aig an àm agus e air a bhith na smàl, cha deach lorg fhaighinn air na cuirp a-riamh.

Thuirt bean MhicDhùghaill agus i a' toirt fianais seachad anns a' chùis-lagh na aghaidh, gun robh e a' fulang cho mòr le chuid slàinte, bha e mar gun robh e marbh, cheanna.

Chaidh a dhìteadh ge-tà, air dà chasaid muirt agus casaid gun do chuir e bacadh air ceartas.

Anndra agus Renee NicRathTùs an deilbh, Renee MacRae family
Fo-thiotal an deilbh,

Cha deach na cuirp aig Annda no Renee a lorg a-riamh.

Às dèidh dha bhith air a dhìteadh, rinn teaghlach Renee tagradh do MhacDhùghaill innse dhaibh càite bheil na cuirp ach cha tug e dhaibh freagairt.

Tha cothrom nas lugha aca a-nis air fuasgladh, às dèidh mar bhàsaich MacDhùghaill Diciadain.

Thuirt Poileas Alba gun do bhàsaich fireannach, 81, aig Ospadal Rìoghail Shrath Fhoirthe.

Thuirt iad nach eil dad amharasach ann mun chùis agus gun tèid aithisg a chuir gu Neach-Casaid a' Chrùin.