Carragh-chuimhne do dh'eilthirich an SS Marloch

  • Air fhoillseachadh
Daoine a' falbh à Loch Baghasdail air an SS MarlochTùs an deilbh, Getty Images / Hulton Archive
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhalbh na ceudan eileanach Loch Baghasdail air bòrd an SS Marloch

Chaidh cead a thoirt do Chomhairle Choimhearsnachd Loch Baghasdail carragh-chuimhne a thogail do na h-eilthirich a dh'fhalbh às na h-eileanan air bòrd an SS Marloch.

Dh'fhàg an soitheach Loch Baghasdail le na ceudan eileanach air bòrd a' sireadh beatha ùir ann an Canada air an 15mh den Ghiblean 1923.

Thuirt Stòras Uibhist, an t-uachdaran poblach leis a bheil Oighreachd Uibhist a Deas, gu bheil iad airson cuimhneachan a thogail dhaibh.

"Tha beachd sa choimhearsnachd nach eil sinn ag innse sgeulachd nam Fuadaichean; chan eil carragh-chuimhne neo àite meòrachaidh ann air mar a thachair nar n-eachdraidh."

'S e 2023 Bliadhna Tilleadh Dhachaigh Innse Gall agus bidhear a' comharrachadh gu bheil 100 bliadhna ann on sheòl an SS Marloch à Loch Baghasdail agus an SS Metagama à Steòrnabhagh. Air bòrd an dà shoithich bha na ceudan de dh'eilthirich a' dèanamh air Canada.

Dreach air a' charragh-chuimhne a thathas a' moladhTùs an deilbh, Stòras Uibhist
Fo-thiotal an deilbh,

Dreach air a' charragh-chuimhne a thathas a' moladh

Bidh Stòras Uibhist ag obair le buidhnean ionadail mar Cheòlas, Comann Eachdraich Uuibhist a Deas, Comann Eachdraidh Èireisgeidh, Fòram Dualchais Innse Gall agus sgoiltean na sgìre airson sreath thachartasan a chur air dòigh mar chuimhne air an fheadhainn a dh'fhalbh.

Am measg sin tha a' charragh-chuimhne ann an Gàradh Cidhe Loch Baghasdail.

Thuirt Stòras Uibhist: "'S e mac-samhail den Mharloch a bhios ann agus bidh clachan ann bho sheann thobhtaichean bho na bailtean às an do dh'fhalbh na h-eileanaich a bhios gan riochdachadh agus an cuid teaghlaichean.

"Bidhear cuideachd a' samhlachadh blàiths agus furtachd theintean nan dachaighean mar aithne air bròn an fheadhainn a dh'fhalbh agus an fheadhainn a dh'fhàg iad às an dèidh. "