Ceistean fhathast aig luchd-gnothachais Uibhist mu aiseagan

An MV Lord of the Isles Tùs an deilbh, CHRISTOPHER BRINDLE
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh ann gum bi suidheachadh ann far nach gabh bàta-aiseig Uibhist a Deas cleachdadh tuilleadh mus tig tè ùr

  • Air fhoillseachadh

Chuir luchd-gnothachais ann an Uibhist a Deas fàilte air an naidheachd gum bi barrachd sheòlaidhean air Caolas Bharraigh, ach thog iad dragh nach eil eileanaich tuilleadh air gin de bhùird nan aiseagan agus mun dàil san òrdugh airson bàta ùr don eilean.

Nochd Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) am beachd an dèidh mar a fhuair Caledonian Mac a' Bhriuthainn maoineachadh mar phàirt den chùmhant ùr aca airson dàrna criutha fhastadh airson na slighe eadar Èirisgeigh agus Barraigh.

Tha iad toilichte gum bi seòlaidhean a bharrachd air an t-seirbheis nas tràithe agus nas anmoiche air an là.

Tha ball den bhuidhinn, John Daniel Peteranna, ag ràdh gur e "eisimpleir air mar as urrainn do dh'eileanaich buaidh a thoirt air na seirbheisean aiseig aca".

Aig an aon àm, thog a' bhuidheann dragh às ùr mu dhìth adhartais a thaobh bàta ùr 'son a dhol an àite an Lord of the Isles.

Tha SUBIG a' cur ìmpidh air Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gluasad air adhart leis an òrdugh mar a gheall i aig coinneamh èiginn bho chionn sia mìosan.

Thuirt Mgr Peteranna: "Mura cuir iad òrdugh a-steach a dh'aithghearr tha cunnart gum feumar cur às don t-seann tè mus tig an tè ùr - a' fàgail eileanach an cruaidh-chàs."

Tha iad cuideachd ag iarraidh gum bi eileanaich gan riochdachadh air bùird nan companaidhean aiseig.

"Tha an Riaghaltas ag innse dhuinn gu bheil iad a' cur nan seirbheisean aiseig air ais ann an làmhan a' phobaill - ach càite a bheil sluagh an eilein air bòrd nan companaidhean aiseig? Chan eil sgeul orra," thuirt Mgr Peteranna.

Thog SUBIG dragh às ùr cuideachd nach eil riochdairean eileanach air na buidhnean ris a bheil seirbheisean aiseig an urra.

Thàinig teirm Mhurchaidh MhicIllinnein air bòrd CMAL gu ceann an t-seachdain seo.

'S e an aon eileanach a bha air a' bhòrd.

Bha cathraiche CMAL air taic 'son moladh gum faigheadh Mgr MacIllinnein teirm eile a tharraing, mìosan às dèidh eas-aonta a bhith ann mu cò bu chòir a bhith a' cur air bhog aiseagan ùra nan Eilean Siar san Tuirc.

Bha Mgr MacIllinnein air iarraidh gur e eileanaich a bu chòir sin a dhèanamh seach seirbheisich chatharra.

Thuirt CMAL nach biodh e freagarrach beachd a thoirt air buill fa leth ach thug iad dha Mgr MacIllinnein airson a sheirbheis.

Guthan eileanach

Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba gu bheil Rùnaire na Còmhdhail air dearbhadh ann am Pàrlamaid na h-Alba bho chionn ghoirid gu bheil iad an-dràsta a' beachdachadh air a' chùis-ghnothachais is na h-ath-cheumanan a thaobh an aiseig ùir a thèid an àite an Lord of the Isles is gun tèid gnothaichean a dhearbhadh an ceann ùine.

Thuirt iad cuideachd gu bheil an cùmhnant aiseig ùr airson costa siar na h-Alba a' toirt dhaibh barrachd sùbailteachd airson seirbheisean a leasachadh, is gu bheil e ga dhèanamh deatamach conaltradh leantainneach a dhèanamh le Bòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan, "a' toirt choimhearsnachdan nas fhaisge agus a' dèanamh cinnteach gun tèid guthan eileanach a chluinntinn air feadh a' phròiseis".

"Tha Riaghaltas na h-Alba gu mòr airson dèanamh cinnteach gum bi eileanan air an riochdachadh air bùird CMAL is CalMac is bidh sinn a' sireadh bhall ùra 'son bòrd CMAL anns na seachdainean ri tighinn.

"Bidh sinn ag iarraidh thagraidhean bho dhaoine a tha a' fuireach is ag obair ann an eileanan, a' toirt a-steach sgilean sa Ghàidhlig, cho math ris na sgilean is eòlas a tha riatanach 'son a bhith air bòrd," thuirt iad.

A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt cathraiche comataidh còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Uìsdean Robasdan, a tha air draghan a thogail tric is minig mu dhìth eileanach air na bùird, gu bheil e an dòchas gur e eileanach eile a thèid an àite Mhgr MhicIllinnein.

"Tha mi a' ciallachadh le sin cuideigin a tha a' fuireach ann an eilean, chan e neach a dh'fhàg nuair a bha iad trì bliadhna a dh'aois", thuirt Mgr Robasdan.