"Seòrsa de 'roll up, roll up' de ghairm a tha anns na postairean"

Seann phostair bhon chiad Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban an 1892Tùs an deilbh, Bob McCulloch
  • Air fhoillseachadh

Tha airgead ga thogail airson dà phostair bho àm nan ciad Mhòdan Nàiseanta Rìoghail san Òban bho chionn còrr is 130 bliadhna ùrachadh agus a ghlèidheadh.

Chaidh na tha air a dhol an-diugh na prìomh fhèis na Gàidhlig a chumail an toiseach ann an 1892.

Tha an dà phostair a' sanasachd a' chiad chruinneachaidh sin agus am fear a bh' ann ann an 1893.

'S i an tè-chiùil agus an craoladair, Màiri Anna NicUalraig, a thàinig tarsainn air na seann phostairean nuair a bha i a' rannsachadh beatha an t-seinneadair Seònaid NicLachlainn.

Seann phostair bhon dàrna Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban an 1893Tùs an deilbh, Bob McCulloch
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Màiri Anna na postairean nuair a bha i a' rannsachadh beatha an t-seinneadair Seònaid NicLachlainn

Bha iad an tasglann an eachdraiche, Bob McCulloch, na dhachaigh san Òban.

Thuirt i: "Bha stòras aige a chaidh fhàgail tron teaghlach de ghnothaichean co-cheangailte ris a' Chomunn Ghàidhealach agus ris a' Mhòd a' dol air ais gu fìor thoiseach gnothaich.

"Nuair a sheall e dhomh na postairean theab mi clisgeadh. Bha mi a' tuigsinn cho riatanach 's a bha e gun robh iad fhathast ann."

Thàinig na postairean bho Dhùghall MacÌosaig, fear den fheadhainn a stèidhich an Commun Gàidhealach agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail.

"Roll up, roll up!"

Cho fada agus is fiosrach leatha, 's iad na h-aon shanasan bhon linn sin a th' air maireachdainn.

"Fairicheadh tu gur e seòrsa de 'roll up, roll up' de ghairm a tha anns na postairean seo, gun robh rudeigin ùr inntinneach ann," thuirt Màiri Anna.

Aig còrr is 130 bliadhna de dh'aois tha am pàipear air a bheil an teachdaireachd sin sgrìobhte cho breòite 's nach urrainnear a làimhseachadh.

Tha na postairean an-dràsta fo chùram Stiùidio Glèidhidh na h-Alba air iomall Dhùn Èidean, agus tha airgead ga thogail airson na h-obrach sgileil a bhios a dhìth orra.

Tha Màiri Ann an dòchas am foillseachadh aig a' Mhòd fhathast ged nach bi iad deiseil airson Mòd na bliadhna seo ann an Loch Abar.