An t-Eilean air adhart 'son BAFTA Alba

An t-Eilean
  • Air fhoillseachadh

Chaidh am prògram Gàidhlig "An t-Eilean" a chur air a' gheàrr-liosta airson duais BAFTA na h-Alba.

Tha e air a chur air adhart airson a' phrògram telebhisein as fheàrr le sgriobta,, taobh a-muigh ri taobh The Tatooist of Auschwitz, agus Lockerbie: a Search for Truth.

'S e An t-Eilean am prògram as cosgaile fhathast a rinneadh do BhBC ALBA, 's an ceithir eapasod air £1m a chosg an urra.

Chaidh a' mhòr-chuid dheth fhiolmadh anns na Hearadh agus ann an Leòdhas.

Thèid duaisean BAFTA na h-Alba a thoirt seachad aig cuirm ann an Glaschu air an t-16mh là den t-Samhain.