Busaichean Inbhir Nis "neo-earbsach"

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-siubhail ann an Inbhir Nis ag ràdh nach urrainn dhaibh earbsa sam bith a chur anns na busaichean airson faighinn timcheall a' bhaile.
Gheàrr Stagecoach grunn sheirbheisean anns a' bhaile, agus iad ag ràdh gur e gainnead dhraibhearan as coireach, agus gun robh aca ri clàran-ama atharrachadh air sgàth seo.
Am measg nan sgìrean far an deach slighean a ghearradh, tha an Crùn, Loch Àrdail agus Caisteal Nis.
Tha daoine a' gearain nach eil busaichean ann idir aig cuid de dh'amannan den là, no nach nochd iad nuair mar bu chòir.
Bhon t-Sultain tha an iomairt Catch the Bus air a bhith a' ruith sa bhaile airson daoine a bhrosnachadh còmhdhail phoblach a chleachdadh.
Tha cuid de na slighean bus an Inbhir Nis agus ann an sgìrean eile den Ghàidhealtachd a-niste air an ruith le Comhairle na Gàidhealtachd, an dèidh dhaibh a' chompanaidh D&E Coaches a ghabhail thairis sa Ghearran.
Chaidh sin a dhèanamh an toiseach gus cosgaisean an lùib bhusaichean sgoile a lùghdachadh, ach thathas a-niste a' feuchainn ri seirbheisean a chur air dòigh air seann lìonra Stagecoach.
Tàladh dhraibhearan
Thuirt an carthannas Bus Users UK, a chaidh a stèidheachadh gus daoine a bhrosnachadh a bhith a' siubhal air a' bhus, nach eil e gu diofar co-dhiù is e companaidh phrìobhaideach no phoblach a tha a' ruith sheirbheisean, fhad 's gu bheil iad a' frithealadh air feumalachdan a' phobaill.
"Cho fad 's a tha e math dhan luchd-siubhail, sin uile 's a tha gu diofar," thuirt stiùiriche na buidhne carthannais an Alba, Greg MacAoidh.
"Tha sinn airson 's gun cleachd barrachd dhaoine còmhdhail phoblach, ge b' e cò leis a bheil i 's a tha ga ruith.
"'S e a tha a' cunntadh ach gu bheil an t-seirbheis aig ìre, gu bheil e cunbhalach, earbsach 's gu bheil daoine ag iarraidh a cleachdadh - 's gu bheil luach an airgid ann."
Thuirt Stagecoach gur e tinneasan am measg an luchd-obrach agus "suidheachaidhean obrach ris nach robh dùil" a th' air cùlaibh cur dheth a' mhòr-chuid de na seirbheisean a chaidh a ghearradh gu h-obann.
Ach thuirt iad gu bheil iad ag obair gus draibhearan a thàladh agus a chumail gus an lìonra aca fhàs agus a neartachadh air Ghàidhealtachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Gearran 2023