MV Alfred air màl aig CalMac

  • Air fhoillseachadh
MV AlfredTùs an deilbh, Còmhdhail Alba

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air am bàta-aiseig an MV Alfred fhaighinn air màl bho Pentland Ferries.

Dhearbh Còmhdhail Alba Diluain gun deach aonta a dhèanamh airson an soitheach a ghabhail air màl fad naoi mìosan.

Cosgaidh seo £9m dha Riaghaltas na h-Alba.

Tha uallach mòr air lìonra ChalMac le bàtaichean a' fàs sean is dàil air aiseagan ùra is CMAL air innse tric gu bheil iad a' coimhead airson bhàtaichean ùra.

Piseach

Chaidh an MV Loch Frisa a cheannach bho chionn dà bhliadha is chaidh an MV Arrow a ghabhail air màl.

Thuirt Ministear na Còmhdhail Jenny Gilruth Diluain gu bheil seo a' sealltainn mar a tha an Riaghaltas ag obair gus piseach a thoirt air seirbheisean

Dh'innis Còmhdhail Alba gum bi CalMac a-nise a' conaltradh le coimhearsnachdan is gun tèid innse às dèidh sin càite an tèid an Alfred a chur gu feum.

Thuirt Àrd-stiùiriche ChalMac, Robbie Druimeanach, gu bheil cumadh an Alfred a' ciallachadh nach bi e comasach dhi ach cuid de phuirt a chleachdadh, ach thuirt e gu bheil a' chompanaidh air an dòigh leis an naidheachd is gun neartaich e an lìonra.