Cidhe Ùige ga dhùnadh

  • Air fhoillseachadh
Obair air cidhe ÙigeTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air seòlaidhean a bha dùil a chleachdadh cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach gu puirt eile, an dèidh mar a dh'èirich trioblaid le carbadan fada aig a' chidhe, a dh'fhosgail às ùr madainn Diardaoin.

Chan fhaigh carbadan nas fhaide na 10 meatair de dh'fhaid air an t-alt-aiseig a chleachdadh, leis nach eil rùm gu leòr ann dhaibh tionndadh.

Bha dùil gun tilleadh an clàr-ama àbhaisteach aig Ùige Diardaoin, an dèidh obrach-càraidh a tha Comhairle na Gàidhealtachd, leis a bheil an cala, air a bhith a' dèanamh.

Tha luchd-siubhail a bha an dùil falbh taobh Ùige a-niste gan cur taobh aiseag Steòrnabhaigh is bidh seirbheisean Loch nam Madadh a' seòladh a dh'Ullapuil a-rithist, mar a bha fhad 's a bha an obair a' dol ann an Ùige, eadar an 24mh agus an 27mh Màrt.

"Gheall Comhairle na Gàidhealtachd, leis a bheil an cala, dhuinn nach biodh bacadh sam bith air an obair againn ann an Ùige, ach chan ann mar sin a tha," thuirt neach-labairt aig CalMac.

"Tha sinn a' sireadh dearbhaidh san aithghearrachd bhon Chomhairle air an t-suidheachadh a th' ann, agus seo air buaireadh mòr adhbharachadh dhan luchd-siubhail againn.

"Tha sinn a' cur ìmpidh air Comhairle na Gàidhealtachd seo a rèiteachadh cho luath 's a ghabhas ach an till sinn a bhith ag obair a-mach à Ùige," thuirt iad.