Fearg mu Chidhe Ùige
- Air fhoillseachadh

Chaidh fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd nach tug iad feairt bho thùs air beachd na coimhearsnachd anns an obair-leasachaidh aig Cidhe Ùige.
Tha Buidheann Leasachaidh na Hearadh ag ràdh cuideachd nach eile earbsa aca tuilleadh sa phròiseict leasachaidh aig a' chidhe.
Tha fearg a' leantainn leis an naidheachd gum bi Cidhe Ùige dùinte a-rithist gu Dimàirt an ath-sheachdain aig a' char as tràithe.
Bha seo às dèidh do thrioblaid nochdadh le carbadan fada aig a' chidhe goirid mus do dh'fhosgail e às ùr madainn Diardaoin.
Chan fhaigheadh carbadan nas fhaide na 10 meatair de dh'fhaid air an alt-aiseig a chleachdadh, leis nach robh rùm gu leòr ann dhaibh tionndadh.
Eadar-amail
Tha na planaichean eadar-amail a bh' ann nuair a bha an cidhe dùinte a-nise an sàs às ùr eadar Dihaoine is Diluain le luchd-siubhail gan cur taobh aiseag Steòrnabhaigh, le seirbheis ann cuideachd eadar Ulapul agus Loch nam Madadh.
Tha cathraiche Buidheann Leasachaidh na Hearadh, Coinneach MacLeòid, air draghan a thogail mun obair aig Cidhe Ùige grunn thursan thuige seo.
Thuirt e gun robh na thachair an t-seachdain seo "mì-chiallach".
"Ma tha iad ag ràdh gu bheil a h-uile càil deiseil airson fosgladh, tha thu a' tuigsinn gu bheil iad air a h-uile càil a dhearbhadh is gu bheil a h-uile càil deiseil, chan e fàgail chun a' mhionaid mu dheireadh 'son dearbhadh am faigh na làraidhean mòra air a' bhàta", thuirt Mgr MacLeòid air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal.
"'S cinnteach gun robh sin air obrachadh a-mach ron seo", thuirt e.
Cidhe Ùige dùinte a-rithist.
Dh'innis Mgr MacLeòid gun robh coinneamh aca Diardaoin leis na diofar bhuidhnean a tha an sàs agus Ministear na Còmhdhail.
Thuirt e gu bheil e deatamach gun tèid èisteachd ri coimhearsnachdan nan Eilean Siar bho seo a-mach is an cidhe gu bhith dùinte a-rithist nas fhaide air a' bhliadhna.
"Dh'iarr sinn an trup seo nuair a bhios iad a' coimhead ri sin gum bi iad a' coimhead agus ag èisteachd ris na coimheasnachdan anns na h-Eileanan an Iar. 'S ann oirnn as motha a tha a' bhuaidh a' dol airson seo, chan e muinntir an Eilein Sgitheanaich no buidhnean eile, 's e sinne a tha a' dol a dh'fhulang an toiseach.
"Bu chòir dhaibh a bhith ag èisteachd. Cha do dh'èist iad rinn an toiseach. Dh'fhaodadh am port a bhith air fuireach fosgailte fad an t-siubhail nam biodh iad air èisteachd ri muinntir nan eilean".
Dh'innis Mgr MacLeòid nach eil earbsa aig daoine a-nise sa phròiseict.
Call
"Thuirt Roinn na Gàidhealtachd aig a' choinneimh gum bi a h-uile càil deiseil an ath-sheachdain. Creididh mi e nuair a chì mi bàta-aiseig a' tighinn a-staigh leis na làraidhean mòra oirre", thuirt e.
Tha luchd-gnothaich cuideachd a' gearan air a' chall a tha a' tighinn orra leis an t-suidheachadh.
Dh'innis Ailean MacIlleathain, aig a bheil taigh-fuine agus bùth ann an Uibhist, gu bheil seachdainnean air a bhith ann nuair a chaill iad £5,000 le mì-chinnt agus troimh-chèile nan seirbhisean aiseig.
Thabhainn Comhairle na Gàidhealtachd leisgeul airson an t-suidheachaidh is thuirt iad gu bheil iad an dòchas gum bi fuasgladh ann Disathairne.
Tha CalMac an dòchas gun tòisich seirbheisean às Ùige às ùr bho Dhimàirt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 Am Màrt 2023