Leudachadh Cnoc Soilleir
- Air fhoillseachadh
Tha hub coimhearsnachd ann an Uibhist a Dea a' dol a leudachadh agus iad air £2m de mhaoineachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.
Bha an Leas Phrìomh Mhinistear Iain Swinney aig Cnoc Soilleir Diluain airson Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Dh'ainmich Mgr Swinney gu bheil an t-ionad ciùil is Gàidhlig a' faighinn an airgid airson cuir ri nas urrainn dhaibh a chumail de thachartasan aig a' ghoireas.
Thèid ionad-èisteachd a thogail a ghabhas suas ri 200 duine agus thèid seòmraichean teagasg is ruith thairis a thogail cuideachd.
Togail fianais
Bha fianais ga togail taobh a-muigh Cnoc Soilleir, far an robh an leas phrìomh mhinistear agus Ministear na Còmhdhail Jenny Gilruth an làthair airson a' cho-chruinneachaidh.
Bha Amanda Leveson-Gower a' giùlain sanas a' togail fianais an aghaidh na buaidh a tha gach seirbheis aiseig a tha ga cur dheth a' toirt air na h-Eileanan.