SSEN "ag èisteachd ri draghan luchd-iomairt"

  • Air fhoillseachadh
Crann-dealain

Tha a' chompanaidh dealain, SSEN, ag ràdh gu bheil iad ag èisteachd ri draghan luchd-iomairt mu loidhne dealain ùr a tha iad a' moladh air a' Ghàidhealtachd.

Tha SSEN airson loidhne ùr a thogail eadar Spideal ann an Gallaibh agus a' Mhanachainn air am bi cumhachd ath-nuadhachail a bhios air a chruthachadh sa sgìre air a ghiùlain dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha buidheann a chaidh a stèidheachadh an aghaidh nam planaichean air a ràdh roimhe gu bheil draghan orra mu cho mòr 's a bhiodh na crainn dealain is càite am biodh iad.

Tha an luchd-strì ag iarraidh gun gabh an loidhne slighe eile neo gun tèid a chur fon talamh.

Èisteachd

Thuirt SSEN gum biodh e eagallach daor na càballan a thiodhlacadh agus gun dèanadh sinn milleadh air an àrainneachd.

Ach tha a' chompanaidh ag ràdh nach eil a' phroiseact ach aig ìre thràth agus gu bheil iad a' cur fàilte air beachdan bhon phoball.

Thuirt Greg Clarke bho SSEN ged 's e an t-slighe eadar Spideal agus a' Mhanachain an tè as fheàrr a chaidh a mholadh nach deach co-dhùnadh deireannach a dhèanamh.

"Feumaidh sinn a dhol tro phròiseaes dealbhachaidh gu math mionaideach agus bidh a' phròiseact seo air a measadh le na h-ùghdarrasan aig a bheil gnothach ris agus 's ann aig Riaghaltas na h-Alba a bhios am facal mu dheireadh.

"Bidh cothrom gu leòr aig daoine am beachdan a thoirt seachad.

"Aig deireadh na bliadhna bidh moladh againn air slighe na loidhne agus thèid sinn a-mach gu co-chomhairleach an uairsin.

"Tha sinn dha-rìribh ag èisteachd agus tha sinn ag aithneachadh gum bi buaidh aig a' phròiseact seo ach nì sinn na 's urrainn dhuinn sin a leasachadh cho mòr 's a ghabhas," thuirt e.