Am Marloch: am prèiridh, an rèile agus na sagairtean

  • Air fhoillseachadh
Am Marloch a-mach à Loch BaghasdailTùs an deilbh, Scottish Media Group
Fo-thiotal an deilbh,

Am Marloch a-mach à Loch Baghasdail

Air an 15mh den Ghiblean 1923 sheòl an SS Marloch à Loch Baghasdail a Chanada le faisg air 300 eilthireach air bòrd. Carson a tha comharrachadh nan 100 bliadhna cho cudromach dha na h-eileanan, agus dè tha cho inntinneach mun t-slighe air an deach iad?

Dh'fhalbh eilthirich gu leòr à Uibhist is Barraigh ro 1923, ach chan eil teagamh nach eil àite sònraichte aig seòladh a' Mharloch, a thathar a' comharrachadh an-dràsta.

Còmhla ris a' Mhetagama a dh'fhàg Steòrnabhagh seachdain às a dèidh, tha i a' samhlachadh na h-eilthireachd mòire às na h-eileanan a Chanada toiseach an 20mh linn, agus tha gu leòr beò an-diugh - mì fhèin nam measg - a thachair 's a bhruidhinn ri cuid de na bha air bòrd. Tha i cho faisg sin air ar là fhèin.

Chan e a-mhàin an toll a dh'fhàg imrich faisg air 300 duine ann an coimhearsnachdan Uibhist a Deas, Bheinn nam Fadhla, Bharraigh, Èirisgeigh is Bhatarsaigh a tha a' dèanamh seo cho eachdraidheil, ach cuideachd gun do thill am Marloch is soithichean eile a dh'iarraidh tuilleadh ann an 1924 's às dèidh sin, 's gun do chaill na h-eileanan a deas na ceudan thar sàile anns an 1920an.

Dìth a-bhos agus "saibhreas" thall

Tha eilthireachd a' Mharloch a' toirt dhachaigh oirnn cho fìor bhochd 's a bha sluagh nan eilean às dèidh a' Chogaidh Mhòir. Bhathas air fearann - "land fit for heroes" - a ghealltainn do na saighdearan agus seòladairean a thill, ach cha deach sin a choileanadh.

Bha an t-iasgach, ris an robh àitichean mar Bharraigh, Bhatarsaigh is Èirisgeigh an urra, air a dhol air ais agus bha na bàtaichean-siùil a bha aca ron chogadh air a dhol a dhìth 's cha robh airgead ann airson na bàtaichean ùra motar a bha riatanach.

Eadar dìth cosnaidh is dìth cothroim aig an taigh, chan eil e na iongnadh gun robh an dealbh a chaidh a dhèanamh dhaibh air pailteas fearainn is saoibhreis air prèiridhean mòra Chanada na tharraing.

Bha eileanaich air a dhol gu prèiridhean taobh siar Chanada roimhe. Deireadh an 19mh linn bha feadhainn à Uibhist is Barraigh air fearann fhaighinn aig Wapella agus Saltcoats ann an Saskatchewan, agus bha Leòdhasaich air tuathan a dhèanamh ann an Killarney, Manitoba.

Nuair a thadhail mise air na sgìrean sin bho chionn faisg air 25 bliadhna, bha seann daoine annta a bhruidhneadh Gàidhlig shiùbhlach rium fhathast - daoine a rugadh air a' phrèiridh an dèidh dhan athraichean a dhol a-null, agus a bha cho Leòdhasach nan cainnt rium fhèin.

Bhiodh muinntir Uibhist is Bharraigh mothachail air eachdraidh nan càirdean 's nan teaghlaichean a chaidh a-null bhuapa-san cuideachd.

Leabhar Machraichean Mòra Chanada
Fo-thiotal an deilbh,

“Machraichean Mòra Chanada: dorus fosgailte do’n Ghàidheal” Toronto 1907

Bho thoiseach an 20mh linn, bha riaghaltas Chanada air a bhith a' feuchainn ri Gàidheil a thàladh chun a' phrèiridh. Ann an 1907, dh'fhoillsich iad leabhar Gàidhlig a chaidh a chur a dh'Alba, a' dèanamh dealbh breagha air cho math dheth 's a bhiodh na Gàidheil air "Machraichean Mòra Chanada" seach air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

Bhiodh iomadh Gàidheal air an leabhar a leughadh no air cluinntinn mu na bha ann.

An rèile

Às dèidh a' Chogaidh Mhòir, bha Canada a-rithist ag iarraidh dhaoine.

Ged a bha an Canadian Pacific Railway air costa a sear is costa a siar na dùthcha a cheangal ri chèile ro thoiseach an linn, bha iad fhathast a' cur ris an lìonra, a' tòirt a-steach barrachd 's barrachd de phrèiridhean an taobh siar, agus a' cur feum air daoine a dh'àiticheadh am fearann an cois na rèile.

Loidhne rèileTùs an deilbh, Pelicula Films
Fo-thiotal an deilbh,

An Canadian Pacific Railway tro phàirt dhen phrèiridh dhan deach muinntir a’ Mharloch.

Na sagairtean

'S iongantach gum biodh an imrich mhòr à Uibhist 's à Barraigh ann an 1923 agus 1924 air tachairt ge-tà, mura bitheadh a' phàirt mhòr a chluich sagairtean Caitligeach anns a' chùis.

B' ann à Cinn t-Sàile air tìr-mòr a bha Mgr Anndra MacDhòmhnaill - Gàidheal a bha air a dhol a Chanada ron chogadh agus a bha na sheaplan cogaidh ann an arm Chanada.

B' esan am prìomh mheadhan air na h-Uibhistich, na Badhlaich, na Barraich, na Bhatarsaich 's na h-Èirisgich a chur air tuathan ann an Canada, mar phàirt de dh'oidhirp air Caitligich a thuinneachadh air a' phrèiridh.

An t-Ath. Urr. Anndra MacDhòmhnaillTùs an deilbh, Arthur Lawrence, Clandonald
Fo-thiotal an deilbh,

An t-Ath. Urr. Anndra MacDhòmhnaill

Bha e air a dhol na àidseant eilthireachd aig companaidh rèile Chanada, an CPR, leis an robh an soitheach mòr am Marloch.

Ach bha e cuideachd ag obair an co-bhuinn ri sagairtean Gàidhealach an Alba, gu h-àraid Mgr Dòmhnall Mac an t-Saoir ann am Barraigh agus Mgr Iain Mac a' Mhaoilein ("Fr. John MacMillan of Barra" dhan deach am port a dhèanamh, 's ris an canadh muinntir nan eilean Mgr Iain Dhonnchaidh).

B' e tàladh Mhgr Anndra thall, agus brosnachadh Mhgr Dòmhnall 's Mhgr Iain a-bhos a dh'fhàg na ceudan a' feitheamh a' Mharloch air cidhe Loch Baghasdail an Didòmhnaich a bha siud ann an 1923 - na teaghlaichean a bha a' falbh agus iadsan a bha a' leigeil soraidh slàn leotha gun dùil am faicinn tuilleadh air thalamh.

Red Deer agus na tuathan

Nuair a ràinig am Marloch St. John, New Brunswick, chaidh na h-eilthirich a thoirt air an rèile tarsainn Chanada chun an àite a bha Mgr Anndra air ullachadh dhaibh ann an Red Deer, Alberta.

Chaidh an cur a dh'fhuireach ann an seann sgoil Ìnnseanach ann an Red Deer, far an d' fhuair iad ionnsachadh ann an obair-àitich a' phrèiridh.

Ach tha an eachdraidh às dèidh sin measgaichte agus uaireannan connspaideach.

Na h-eileanaich a’ ruighinn an stèisein ann an Red DeerTùs an deilbh, Red Deer & District Archives
Fo-thiotal an deilbh,

Na h-eileanaich a’ ruighinn an stèisein ann an Red Deer

Chaidh barrachd a-mach thuige às na h-eileanan na bha Mgr Anndra a' sùileachadh, agus cha robh airgead aig feadhainn aca mar a bha còir airson iad fhèin a stèidheachadh air fearann.

Cha do shoirbhich le cuid aca, ged a bha feadhainn eile - an fheadhainn a fhuair na fearainn a b' fheàrr - dhan deach glè mhath mar thuathanaich.

An lùib eachdraidh na h-eilthireachd a tha air tighinn a-nuas thugainn tha am beachd gun do rinn Mgr Anndra dealbh breagha air prèiridh Alberta nach robh fìor, agus gun robh beatha mhòran de na h-Uibhistich 's na Barraich tòrr na bu chruaidhe na leig esan air.

A rèir Chaluim MhicNèill a tha air a bhith a' rannsachadh na cùise fad bhliadhnaichean, cha robh Mgr Iain Dhonnchaidh gun choire a bharrachd: "Bha gu leòr a' cur a' choire air MacDhòmhnaill, ach nuair a dh'fhaighnicheas tu ceistean nas cruaidhe na sin tha e follaiseach cuideachd gun robh leithid Mhgr Iain Dhonnchaidh a' dèanamh dealbh nach robh reusanta idir - a' cur rudan nan ceann mu dheidhinn Canada 's am prèiridh nach robh idir, idir, idir a' dol a thachairt."

Clandonald

Bha am briseadh-dùil, 's dòcha, buileach deuchainneach do chuid a thàlaidh Mgr Anndra MacDhòmhnaill gu colonaidh ùr Chaitligeach a chur e na cheann a stèidheachadh ann an àite air a bheil Clandonald, Alberta.

Thàlaidh Mgr Anndra mòran de na Gàidheil dhan cholonaidh bho 1926, ach chaidh fhàgail air nach do choilean e na geallaidhean a thug e seachad a thaobh taighean is uidheamachd dha na tuathanaich.

Clandonald, Alberta
Fo-thiotal an deilbh,

Clandonald, Alberta

Cha b' ann leis na h-eileanaich fhèin a bha na fearainn ann an Clandonald, ach air màl aca bho chompanaidh na rèile.

Cha do mhair a' cholonaidh Ghàidhealach. Tro bhliadhnaichean doirbh a' Chrìonaidh Mhòir chaidh gu leòr aca ann am fiachan màil, agus thrèig iad na fearainn beag air bheag.

Chuir an Dàrna Cogadh an truaighe buileach air a' chùis, agus thug barrachd an uairsin bailtean mòra Chanada orra gu cosnaidhean na b' fheàrr. 'S ann sna bailtean mòra sin a tha sliochd Ghàidheil Uibhist sgapte an-diugh.

Ach bha cuid de na thug MacDhòmhnaill a Chanada à Uibhist a bha gu math toilichte gun deach iad gu beatha ùr air a' phrèiridh.

Nuair a bha mi thall a' dèanamh an t-sreath thelebhisein Na h-Eilthirich ann an 1998, bha e na thlachd coinneachadh ri fear de na Gàidheil mu dheireadh a bha air fhàgail de na thug na sagairtean a-mach anns na 20an.

Ailig Caimbeul, Westlock, Alberta 1998
Fo-thiotal an deilbh,

Ailig Caimbeul, Westlock, Alberta 1998

Bha Ailig Caimbeul mu 80 bliadhna a dh'aois nuair a thachair mise ris, ach bha deagh chuimhn' aige a bhith na bhalach beag a' fàgail Loch Baghasdail air a' Mharloch ann an 1923.

Bha e fhathast ann an Westlock an Alberta, far an d' fhuair athair am fearann, agus bha e air fear dhen fheadhainn aig an robh moladh mòr air na thug ann iad.

"Canaidh mise, air mo shon fhèin agus an teaghlach againn fhèin, fhuair sinne teansachan an seo nach fhaigheamaid gu bràth anns an t-Seann Dùthaich agus thuirt mise iomadach uair ri m' athair agus mo mhàthair nach pàigheamaid gu bràth na rinn iad nuair a thug iad a-nall sinn às an àite eile," thuirt e rium ann an Gàidhlig bhlasta, shiùbhlach Uibhisteach.