Am Metagama: “na bh' innt’ de bhàrr an t-sluaigh.”

  • Air fhoillseachadh
Sluagh air cidhe SteòrnabhaighTùs an deilbh, Canadian Pacific Archives

Tha muinntir Leòdhais a' comharrachadh 100 bliadhna bho dh'fhàg mu 300 de dh' òigiridh an eilein air an SS Metagama. Cha robh samhail na h-eilthireachd sin, air an 21mh dhen Ghiblein 1923, a-riamh ann. Dè tha ga fàgail cho eadar-dhealaichte, agus carson a bha a' bhuaidh cho mòr?

Ged a dh' fhàg soithichean leis a cheart uimhir de shluagh aig diofar àmanan ann an eachdraidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, cha robh gin coltach ris a' Mhetagama.

A' dol air ais chun an 18mh linn, b'e teaghlaichean a bhiodh a' falbh còmhla mar bu trice. Bha sin fiù 's fìor mu sheòladh ainmeil a' Mharloch à Uibhist ann an 1923 - teaghlaichean a bh' anns a' chuid mhòr aca sin, a' gluasad còmhla gu prèiridhean Chanada.

Ach dhen bheagan's 300 a dh'fhalbh air a' Mhetagama à Steòrnabhagh ann an 1923, b' e fir òga shingilte a bha ann an timcheall air 260 dhiubh. Bha iad air sanasan a fhreagairt bho riaghaltas Ontario a bha a' sireadh luchd-obrach air tuathan na mòr-roinn sin.

Bha timcheall air 26 boireannach eileanach air bòrd. Nam measg còignear mhnathan-pòsta agus deichnear chloinne. Ach b'e boireannaich òga shingilte a bha ann an còrr air 20 dhiubh, 's iadsan air sanasan a fhreagairt airson a dhol air mhuinntearas.

A' neartachadh na h-Ìmpireachd

Cha b' e Leòdhasaich a-mhàin a bha orra, oir bha mu 13 air tighinn à Uibhist, agus thug an soitheach cuideachd leatha na ceudan a thàinig air bòrd ann an Glaschu mus do ràinig i Steòrnabhagh.

Bha iad uile mar phàirt de dh'oidhirp riaghaltas Bhreatainn air colonaidhean na h-Ìmpireachd a neartachadh agus cosnadh fhaighinn do dhaoine gun obair aig an taigh.

Ann an 1922 chaidh Achd Tuinneachadh na h-Ìmpireachd tron Phàrlamaid, a' cur shubsadaidhean ri faraidhean dhaoine a bha airson a dhol a-null thairis.

Chaidh mòran de na h-eilthirich sin a-null à Alba - 85,000 ann an 1923 a-mhàin, agus faisg air 500,000 thairis air 10 bliadhna. B' e seò àm mòr eilthireachd an 20mh linn.

Ach 's e gun dh' fhalbh uimhir de dhaoine òga, calma an eilein còmhla - a' fàgail beàrn mhòr às an dèidh - a tha a' cur sgeul a' Mhetagama air leth, agus gun robh i mar thoiseach tòiseachadh air na ceudan eile aca falbh anns na bliadhnaichean as dèidh sin.

Eilean beag bochd a' chuain

Carson a dh'fhalbh uimhir còmhla à eilean beag Leòdhais ann an 1923?

'S e a bha ann an uairsin eilean dubhach, bochd anns nach robh daoine òga a bha air tilleadh às a' chogadh a' faicinn dòigh air beòshlàint a dhèanamh.

Croitean

Chaidh "land fit for heroes" a ghealltainn dhaibh, ach cha robh an t-uachdaran, am Morair Leverhulme, deònach na h-oighreachdan a bhriseadh an-àirde airson croitean a thoirt do na bha a' cur feum orra.

'S ann a bha esan a' faicinn saoghal ùr gnìomhachais do Leòdhas, stèidhichte air an iasgach, le factaraidhean is taighean-giollachd ann an Steòrnabhagh a chumadh cosnadh ri na mìltean.

Ach thuit an tòin às an iasgach, agus à airgead-calpa companaidh "Lever" agus cha tàinig an saoghal ùr aige fo theachd. Chur sin dubhachas às ùr air eilean a bha dubhach mar thà, a rèir an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Bha Leòdhas agus muinntir Leòdhais ann am fìor dhroch staid as dèidh a' Chogaidh Mhòir. Bha gu leòr nach do thill às a' chogadh. Bha buille mhòr an Iolaire air muin a h-uile càil eile. Fiù's dhan fheadhainn a thill, bha an t-airgead agus na cosnaidhean a' fàs gu math gann. Bha obair an iasgaich anns an earradhubh, obair na breabadaireachd cuideachd."

"Bheil thu a' dol a ghabhail?"

B' ann à Canada a thàinig an sàbhaladh, tron dìth luchd-obrach a bha air tuathanaich Ontario.

Chur riaghaltas Ontario romhpa feadhainn a thàladh à Alba, 's ràinig àidseantan à Canada na h-eileanan a thrusadh eilthireach.

Bha Leòdhas tiugh le còmhradh mu Ontario. B' e Murchadh MacPhàrlain, bàrd Mhealboist, fear de na bha a' coimhead ri falbh, agus rinn e sin an ath-bhliadhna a-rithist.

"Thòisich a' chiad fhuaim gun robh Canada ag iarraidh eilthirich a thighinn a-steach innte. Cha robh càil, fhad's a bhiodh na balaich cruinn anns a' chèilidh, ach: 'Dè do bheachd? Bheil thu a' dol a ghabhail?' Agus 's e sin a thàinig às."

Bàrd Mhealboist, Murchadh MacPhàrlain na dhuine ògTùs an deilbh, Aonghas Caimbeul, Mealbost
Fo-thiotal an deilbh,

Bàrd Mhealboist, Murchadh MacPhàrlain na dhuine òg

"An tìr a bhith ga fàsachadh"

Dh'fhàg cho mòr 's a bha na h-àireamhan, agus gur e òigiridh sgoinneil an eilein a bha a' falbh, daoine fo bhròn air an cùl.

Mar a chur am bàrd Iain Stiùbhart à Col e:

"An tìr a bhith ga fàsachadh

de na bh'innt' de bhàrr an t-sluaigh."

Cidhe SteòrnabhaighTùs an deilbh, Canadian Pacific Archives

Bha sin ri aithneachadh aig na seallaidhean am baile Steòrnabhaigh an là mus do sheòl i, agus là an t-seòlaidh fhèin.

Cha robh rùm ri fhaighinn air sràid aig na ceudan a thaom a-steach às gach ceàrnaidh dhen eilean, agus nuair a bhathas ag aiseag nan eilthireach a-mach chun a' Mhetagama bha iomadh cridhe gus sgàineadh.

Murchadh MacIlleathainTùs an deilbh, Iain Gòrdon Dòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Murchadh MacIlleathain à Tàbost agus Montreal

Cha robh Murchadh MacIlleathain, à Tàbost an Nis, ach 15 no 16 bliadhna aig an àm.

Dheadh e fhèin a Chanada beagan bhliadhnaichean as dèidh sin, ach ghabh e ealla mòr ri na chunnaic e ann an Steòrnabhagh am feasgar ud.

"Cha mhòr nach robh a h-uile duine ann an Eilean Leòdhais air cidhe Steòrnabhaigh. Chum te de na h-eaglaisean seirbheis adhraidh air a' chidhe 's thòisich iad a' seinn nan sailm, agus chan fhaca tu leithid sud de ghal na do bheatha - chan e a-mhàin an fheadhainn a bha a' falbh, ach an fheadhainn a bha a' fuireach. Thòisich an uairsin na pìobairean a' cluiche, 's bha sin na bu mhiosa na na sailm! O a charaid ort, bha e 'tragic.'"

"Tuath mhòr an Canada"

Ach bha na h-eilthirich a' dol gu beatha ùr air tuathan mòra Chanada.

Chaidh glè mhath do na boireannaich òga a chaidh gu taighean air mhuinntearas, ach b'e sgeul eile a bha ann dhan chuid mhòr de na balaich a chaidh gu na tuathan.

Bha iad mòr, 's bha iad toinnte - àicearan mòra de chruithneachd 's de eòrna, agus sprèidh ann an àireamhan nach fhaca Leòdhasach no Uibhisteach a-riamh. B' e droch bhargan a fhuair tuathanaich Ontario às na "farmers" a thuirt an Riaghaltas aca riutha a bha a' dol a-mach às na h-eileanan.

Bha còir aca fuireach air na tuathan gus am pàigheadh iad air ais prìs an fharaidh a-mach, ach bha na t-uabhas nach do rinn sin. Cha robh am pàigheadh ach truagh, 's an obair cruaidh.

Coinneach ‘Red’ MacLeòid
Fo-thiotal an deilbh,

Coinneach ‘Red’ MacLeòid

Cha robh na h-eileanaich eòlach air leithid treabhadh le seisreach each a' slaodadh crann mòr. Bha am bàrd ainmeil Leòdhasach Coinneach 'Red' MacLeòid às an Rubha am measg na fhuair e fhèin anns an t-suidheachadh sin, 's tha 'Òran na Tuatha' aige a' fanaid air oidhirp fhèin air sgrìob a threabhadh nuair a thug an tuathanach eich is crann dhà.

"Chiad sgrìob air na dh'fhalbh mi,

Sealbh cha do bheannaich i.

'S ann shaoilinn-s' gur e m' ainm

bha mi a' dealbh anns an fhearann aig'."

Sliochd an Aimeireagadh

Thill 'Red' mu dheireadh dhachaigh a Leòdhas, ach ron a sin rinn e rud a rinn mòran de na h-eileanaich - dh' fhàg iad na tuathan 's chaidh iad gu obraichean na b' fheàrr ann am bailtean mòra Chanada agus, gu seachd àraid, nan Stàitean Aonaichte.

Fhuair tòrr aca cosnadh aig obair-togail Niagra Falls is àiteachan eile, nan seòladairean air na Lochan Mòra, ann am factaraidhean chàraichean Detroit agus aig obraichean eile anns na Stàitean.

DetroitTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Detroit

'S ann am bailtean mòra Aimeireagaidh - Detroit, Cleveland, Buffalo agus New York nam measg - a rinn na Leòdhasaich an dachaigh, agus 's ann annta a tha a' chuid mhòr dhen ghineal a thàinig bhuapa.

Thug eilean am breith 's an àraich iomadh bliadhna a' faighinn thairis air an toll a dh' fhàg iad às an deidh - cuid a chanadh nach d' fhuair a-riamh.

B' e a bha seo daoine anns an robh spionnadh agus a bhiodh, tha fhios, air cur gu mòr ri eilean Leòdhais nan robh iad air fuireach.

Ged a thill feadhainn - a dh' fhuireach air ais, no a thadhal nan seann aois - chan fhaiceadh tòrr aca pàrantan agus càirdean a dh'fhàg iad às an dèidh a chaoidh tuilleadh.

Bha fhios aca fhèin agus aig an càirdean air a sin an là a sheòl iad.

SS MetagamaTùs an deilbh, Canadian Pacific Archives
Fo-thiotal an deilbh,

SS Metagama

Tha an tiamhaidheachd follaiseach anns an sgeulachd mun teachdaireachd solais bhon t-soitheach nuair a bha i a' dol seachad air Rubha Rodhanais an là ud.

Chur fear air tìr ann an Nis teachdaireachd solais thuice: "What ship?" dh'fhaighnich e.

Fhuair e freagairt bho sholas an t-soithich: "SS Metagama. And goodbye."

Bha an ceangal le Leòdhas beò an cridheachan na chaidh a-null fad am beatha, ach bha iad air saoghal ùr, tarraingeach a dhèanamh dhaibh fhèin thall. Chur Murchadh MacIlleathain à Tabost an cèill sin gu grinn turas ann an agallamh rèidio 's e aig an taigh ann an Nis air saor-làithean à Montreal.

Ars esan, "S e Leòdhas mo mhathair, Canada mo ghirlfriend."

Tha e na smuain dhomh nach tuirt e "mo bhean." 'S e an ath ghinealach a rugadh thall a dheadh cho fada ri Canada agus na Stàitean a phòsadh.