Aiseagan ùra Ìle gan ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'ainmich CMAL gur iad "Isle of Islay" agus "Loch Indaal" na h-ainmean a bhios air aiseagan ùra Ìle.
Chaidh an taghadh às dèidh bhòta phoblaich anns an robh geàrr-liosta de dh'ainmean le ceangal ri Ìle agus Diùra.
Chaidh còrr air 1,300 bhòt a chur, le "Isle of Islay" a faighinn a chuid as motha dhiubh, agus "Loch Indaal" is "Pioneer" faisg anns an dàrna agus an treas àite.
Tha na bàtaichean gan togail an-dràsta aig Gàrradh Cemre san Tuirc.
Tha dùil gun tèid a' chiad bhàt-aiseig a thoirt seachad do CMAL aig deireadh 2024 agus an tè eile tràth ann an 2025.
Bidh àite air na h-aiseagan do 450 neach-siubhail is 100 càr, no 14 carbadan coimeirsealta.
Thuirt CMAL gun gabh iad 40% a bharrachd de chàraichean is bathair an taca ri seirbheis Ìle an-dràsta is gun neartaich iad lìonra ChalMac san fharsaingeachd.
Thuirt Ministear na Còmhdhail, Caoibhin Stiùbhart: "Tha e fìor mhath faicinn gun do thagh am poball dà ainm iomchaidh airson nan aiseagan ùra agus tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith gam faicinn ann an seirbheis air slighean Ìle."