150 cosnadh airson Neig
- Air fhoillseachadh

Alasdair Jack a' tadhal air Linne Chrombaidh Diardaoin.
Tha tuilleadh fiosrachaidh air a thighinn am bàrr mu phlanaichean airson factaraidh chàballan mara ann an Neig.
Dhearbh a' chompanaidh Iapanach Sumitomo Electric gun cosg iad £200m air an leasachadh agus tha dùil gun tèid 150 cosnadh fìor sgileil a chruthachadh.
Chaidh tuathan-gaoithe aig muir a thogail ann an Linne Mhoireibh mar-tha, agus tha dòchas ann gun leudaich an gnìomhachas gu mòr.
Bidh na tuathan-gaoithe air an ceangal ris a' ghriod nàiseanta le càballan fada dealain fon mhuir.
Thàinig an naidheachd fhad 's a bha am Prìomhaire Rishi Sunak ann an Iapan agus nuair a bha Rùnaire na h-Alba Alasdair Jack a' tadhal air Linne Chrombaidh.