Daoine "a' call foighidinn" mu mhaill obair an A9

  • Air fhoillseachadh
A9 aig LongartaidhTùs an deilbh, Google

Thuirt ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba gu bheil muinntir na sgìre air an cuid foighidinn a chall leis an obair gus an A9 eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte.

Tha am ball SNP son Inbhir Nis is an Inbhir Narann, Fearghas Ewing, an dùil an gnothach a thogail a-rithist aig Holyrood as dèidh mar a dh'eug deugaire air an rathad Dihaoine.

Dh'aidich Riaghaltas na h-Alba na bu thràithe am bliadhna nach gabhadh am plana aca gus an A9 eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte ro 2025 a choileanadh.

Tha Fearghas Ewing a-nis air an gnothach a thogail às ùr is fireannach aois 18 air a bheatha a chall ann an tubaist Dihaoine.

Thuirt Mgr Ewing gu bheil a smuaintean le teaghlach an duine, is gun do thachair seo air pìos den rathad a bha còir a bhith air a leasachadh ron seo.

Thuirt e gu bheil daoine air foighidinn a chall is gum feum an riaghaltas clàr-ama ùr 'son na h-obrach fhoillseachadh mus tèid a' phàrlamaid ma sgaoil 'son an t-samhraidh.

Thuirt Ministear na Còmhdail, Caoimhin Stiùbhart, gu bheil làn dùil aig an riaghaltas an A9 a dhèanamh dà-fhillte is gur e seo tè de na pròiseactan bun-structair as motha ann an eachdraidh na h-Alba.

Thuirt e gu bheil dùil aige fiosrachadh ùr a thoirt seachad sa phàrlamaid as t-fhoghar.