Iarrtas gus èiginn a ghairm an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
ÌleTùs an deilbh, Becky Williamson_Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha e doirbh àite fuireach a lorg ann an àitichean leithid Ìle.

Thèid iarraidh air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid suidheachadh èiginneach a ghairm san sgìre a thaobh taigheadais.

Tha aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean air Diardaoin an 1mh den Òg-mhios ag ràdh gu bheil buaidh Chovid-19 agus cho àrd 's tha cosgaisean bith-beò, air cur ris an staing a bh' ann roimhe seo.

Tha dùil ri àrd-choinneimh mun chùis ro dheireadh na bliadhna.

Tha an àireamh dhaoine air liosta feitheimh airson taigh sòisealta sa sgìre suas 8% gach bliadhna le cha mhòr 3,300 neach a-nis air an liosta sin.

A bharrachd air a sin tha mu 250 sa sgìre gun dachaigh idir is am figear sin air a dhol suas 15% bhon uiridh.

Tha corr is 100 dhuibh sin ann an dachaighean eadar-amail.

Tha 5% nas lugha de thaighean sòisealta anns a sgìre an taca ris a' chòrr de dh'Alba.

Falamh

Sa chumantas tha e a' cosg còrr is £200,000 airson taigh a cheannach sa sgìre.

Agus sa chumantas tha nas lugha na dithis a' fuireach anns gach dachaigh an taca ri sgìrean eile an Alba far a bheil barrachd air dithis a' fuireach.

Tha an àireamh de sheann daoine ag èirigh sa sgìre agus an àireamh de dhaoine òga a' tuiteam a rèir na h-aithisg.

Tha 11% de thaighean sa sgìre falamh no nan darna dachaigh, sin nas àirde na tha an ìre air feadh Alba sa chumantas is am figear sin aig 4%.

Taobh a-staigh na sgìre tha diofar mòr ann cuideachd.

Tha an àireamh dhachaighean nach eil rim faotainn ann an leithid Baile Eilidh fo 1% ach ann am Port na h-Abhainne ann an Ìle agus am Baile Mhàrtainn an Tiriodh, tha am figear sin os cionn 40%.

Tha a' chomhairle air buidheann obrach a stèidheachadh is tha iadsan a' dol a mholadh diofar cheumannan a ghabhail gus an suidheachadh a leasachadh - am measg sin mar a ghabhadh a' mhargaidh phrìobhaideach a bhrosnachadh.