Gàrradh MhicFheargais misneachail mu chùmhnantan ùra

  • Air fhoillseachadh
Slige 802Tùs an deilbh, HAWQ Drone Services
Fo-thiotal an deilbh,

Ghluais pròiseact Slige 802 air adhart an t-seachdain seo agus an taigh-cuibhle air a chur oirre.

Tha ceannard Gàrradh MhicFhearghais misneachail gun tèid aca air cùmhnant a ghlèidheadh airson seachd aiseagan beaga a thogail do ChalMac, a dh'aindeoin na connspaid, maill agus cosgais leis an dà shoitheach a tha an gàrradh a' togail an-dràsta.

Bha Daibhidh Tydeman a' bruidhinn agus clach-mhìle ann Diluain le obair air tè de na bàtaichean sin - Slige 802 - is an taigh-cuibhle air a chur oirre.

Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba air a' mhìos seo chaidh gun toir iad seachad tuilleadh airgid gus am bàta a chrìochnachadh, ged a dh'aidich iad gum biodh e na bu shaora aiseag ùr a thogail àiteigin eile.

Thuirt iad gur e seo an dòigh as fheàrr tuilleadh aiseagan fhaighinn airson lìonra ChalMac a neartachadh cho luath 's a ghabhas.

Tha Slige 802 is am bàta eile, an Glen Sannox, bliadhnaichean air dheireadh agus còrr is £200m thairis air buidseat aig an ìre seo.

Thuirt Mgr. Tydeman gu bheil e a' cur taic ri co-dhùnadh an riaghaltais.

Fo-thiotal an deilbh,

Daibhidh Tydeman air bòrd an Glen Sannox.

"'S e bàta fìor mhath a bhios innte is bidh i deiseil aig deireadh na h-ath-bhliadhna. Nam biodh ministearan air bàta eile iarraidh às an Tuirc bhiodh iad a' feitheamh bhliadhnaichean.

"'S e deagh bhàta a bhios innte is tha mi a' smaointinn gun do rinn an riaghaltas an co-dhùnadh ceart", thuirt e.

Tha Mgr Tydeman cuideachd misneachail mu na tha an dàn do Ghàrradh MhicFheargais, a dh'aindeoin gach connspaid a th' air a bhith ann.

Dh'aidich e gu bheil na bliadhnaichean mu dheireadh air a bhith gu math doirbh, ach thuirt e gu bheil eachdraidh fhada shoirbheachail aig a' gharradh is tòrr eòlais.

Thuirt e gu bheil sùil aca air barrachd obrach bho BAE Systems agus air cùmhnant gus seachd aiseagan beaga a thogail do ChalMac.

"Tha mi an dòchas gun urrainn dhuinn an cùmhnant sin a ghlèidheadh", thuirt e.

"Tha sinn ag obair gu cruaidh le ullachadh airson sin mus tig am fiosrachadh mionaideach a-mach bho CMAL as t-samhradh, ach bidh na bàtaichean stèidhichte air an MV Catriona, MV Hallaig is MV Lochinvar a thog sinn bho chionn deich bliadhna.

"Chaidh na bàtaichean sin a thoirt seachad a rèir a' chlàir-ama 's air buidseat agus tha iad air a bhith soirbheachail. Bu chòir Gàrradh MhicFheargais a mheasadh air sin seach na tha air tachairt anns na bliadhnaichean mu dheireadh", thuirt e.

Dh'innis Mgr Tydeman eadar na h-aiseagan beaga agus barrachd obrach bho BAE Systems gum faodadh cùmhnantan luach còrr is £250m a bhith ann a bhiodh "gu math freagarrach" dhan ghàrradh.

Chan eil Daibhidh Tydeman air a bhith ag obair aig Gàrradh MhicFheargais ach 16 mìosan. Thuirt e gu bheil e follaiseach a' coimhead air ais "nach robh e glic" gun do thòisich obair-togail air an Glen Sannox gun chinnt air an obair-dealbhachaidh.

"Tha e furasta a bhith a' coimhead air ais is a bhith a' càineadh, ach chan e rud àbhaisteach a th' ann a bhith a' tòiseachadh air bàta a tha falamh is bhith a' cur ris mar a tha thu a' dol air adhart is tha sin air cur ris a' chosgais", thuirt e.

Tha dùil gun tèid an Glen Sannox a thoirt seachad do CMAL ro dheireadh na bliadhna is gum bi i ann an seirbheis as t-earrach an ath-bhliadhna.

Thuirt Mgr Tydeman gum bu chòir earbsa a bhith aig daoine innte, a dh'aindeoin nan cnapan-starra a bh' ann thuige seo.

"Tha beagan ri dhèanamh ach tha i gu bhith deiseil is tha mi a' smaointinn gur e bàta air leth a bhios innte. Tha goireasan air leth ann do luchd-siubhail is rùm gu leòr do chàraichean is làraidhean.

"Tha mi a' smaointinn gun soirbhich leatha is gun cuir i iongnadh air daoine".