Dàil còig seachdainnean eile air obair-chàraidh an Hebridean Isles
- Air fhoillseachadh
Faodar dùil a bhith ris an tuilleadh troimhe-chèile an lìonra ChalMac an dèidh dhan chompanaidh innse gun lean an obair-chàraidh air tè de na soithichean aca airson co-dhiù còig seachdainnean eile.
Thuirt a' chompanaidh nach d' fhuair iad fhathast air trioblaidean gluasadachd an MV Hebrides a chur ceart.
Bha dùil gun tilleadh an soitheach gu slighe Ìle tràth san Òg-mhios. Tha an dàil seo san obair-chàraidh oirre a' fàgail gum bi an MV Isle of Arran fhathast air slighe Ìle còmhla ris an MV Finlaggan.
Leanaidh an MV Caledonian Isles agus an MV Alfred air an t-slighe eadar Àird Rosain agus Brodick.
Bidh seirbheis Cheann Loch Chille Chiarain a-nis air a chur dheth gu an 24mh den Lùnastal.
Leisgeul
Tha an MV Hebridean Isles 38 bliadhna de dh'aois agus tha i air a bhith a-mach à seirbheis bho mheadhan a' Ghearrain air sgàth thrioblaidean le a proipeilearan.
Thuirt Raibeart Moireasdan, Stiùiriche-obrachaidhean ChalMac, gun robh an sgioba aige a' dèanamh na b' urrainn dhaibh airson a' bhuaidh air seirbheisean a lùghdachadh.
"Chan urrainn dhan Hebridean Isles a' seòladh an-dràsta," thuirt e.
"'S e briseadh-dùil a tha seo, agus tha mi a' tabhann leisgeul air an luchd-siubhail agus air coimhearsnachdan.
"Thòisich sinn a' coimhead gu mionaideach air na gabhas dèanamh a thaobh na h-obrach-càraidh, agus tha dèiligeadh ris na prìomhachas againn."