Smachd air màl goirid an trì sgìrean aig tuath fon phrosbaig

- Air fhoillseachadh
 
Dh'aontaich comhairlichean na Gàidhealtachd barrachd rannsachaidh a dhèanamh air plana a bheireadh smachd air na tha de dh'àitichean-fuirich a tha rim faotainn air mhàl ghoirid an Taobh Siar Rois, Srath Pheofhair agus Loch Aillse.
A rèir aithisg bho oifigearan, tha barrachd ionadan - leithid AirBnB - gan stèidheachadh anns na trì sgìrean sin na tha sa Ghàidhealtachd san fharsaingeachd.
Tha 25 de na 220 taigh a thogadh ann sna còig bliadhna mu dheireadh le cead airson an leigeil a-mach airson ùine ghoirid.
Chuala buill Comataidh Taobh Siar, Rois, Srath Pheofhair agus Loch Aillse gu bheil na tha de dh'àitichean-fuirich mar seo ga fhàgail doirbh do dhaoine dachaigh fhaighinn.
Thuirt an aithisg gun robh an fhianais a' sealltainn gum faodadh gun robh an t-àm ann sòn a stèidheachadh far am biodh cead-dealbhachaidh a dhìth airson àite a chur a-mach air mhàl anns an dòigh sin.
Air a' Ghàidhealtachd air fad tha cead airson màil ghoirid aig mu 6% de thaighean, agus tha timcheall air 5% de na taighean a thogadh sna còig bliadhna a dh'fhalbh air an ceadachadh san dòigh sin.
Cuideachd Diluain, dh'aontaich buill de chomataidh Ghallaibh gun sòn smachdachaidh a stèidheachadh san sgìre acasan.
Moladh gun sgìre smachdachaidh mhàil ghoirid a bhith air Ghàidhealtachd air fad
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain
 
Sgìre smachdachaidh ga h-aontachadh am Bàideanach
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2022
 
15% de thaighean ùra Sgitheanach o 2020 airson màl ghoirid
- Air fhoillseachadh23 An Dàmhair
 
Aig a' cheart àm tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air gnothachasan na sgìre suirbhidh a lìonadh mu dhìth taigheadais agus mar a tha sin a' toirt buaidh air an eaconamaidh.
Tha seo mar phàirt de Phlana-Ghnìomh Taigheadas na Gàidhealtachd ris an do ghabh a' Chomhairle an-uiridh airson dèiligeadh ri gainnead taigheadais.
Thathar a' tomhas gum feumar an sgìre 24,000 dachaigh ùr thairis air an ath 10 bliadhna.
Faodar an suirbhidh a lìonadh an seo, taobh a-muigh.