Muc-mhara eile air tighinn air tìr an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Thàinig muc-mhara minke air tìr air an Tràigh Mhòr ann an Leòdhas Diaordaoin
Bha iomairt mhòr ann Là na Sàbaid feuch cobhair a dhèanamh air 55 muc-mhara cheannmhor air an Tràigh Mhòr ann an Tolastadh bho Thuath.
Cha deach aig an luchd-cobhair ach air aon bheathach a chur a-mach gu muir. Bhàsaich an còrr.
B' e an tràghadh as motha de chreatairean mara ann am Breatainn airson co-dhiù 70 bliadhna.
Diardaoin thàinig an naidheachd gun robh muc-mhara minke air tighinn air tìr san aon làraich. Bha am beathach marbh mus d' fhuair daoine ann.
Tha an h-eòlaichean ag ràdh gu bheil iomadh rud as coireach gum bi mucan-mara a' tighinn air tìr agus nach eil càil a dh'fhios aca fhathast dè dh'adhbhraich bàs na h-uimhir dhiubh ann an Tolastadh bho Thuath o chionn ghoirid.
Tha iad air a bhith ag obair bho mhoch gu dubh on deireadh-sheachdain a' rannschadh chlosaichean nam mucan-mara feuch dè a thug bàs dhaibh agus dè na leasanan a ghabhas ionnsachadh bhon chùis.

'S ann air an Tràigh Mhòr a bhàsaich 54 muc-mhara cheannmhor Là na Sàbaid