Teaghlach euslaintich a' càineadh Loganair

  • Air fhoillseachadh
Ruairidh MacFhionghain
Fo-thiotal an deilbh,

Thug Ruairidh MacFhionghain còrr air 20 uair a thìde faighinn dhachaigh às dèidh obair-lannsa.

Tha e air tighinn am follais gun tàinig air seann duine, còrr air 80, siubhal còrr is fichead uair de thìde airson faighinn dhachaigh a dh'Uibhist an dèidh obair-lannsa air tìr-mòr.

Bha sin an dèidh do Loganair an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Beinn na Fadhla a chur dheth agus tha an teaghlach air dubh-chàineadh a dhèanamh air a' chompanaidh.

Fhuair Ruairidh MacFhionghain a-mach à Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis aig 10:30m. Diardaoin.

Ghabh e am plèana a Steòrnabhagh, ach chaidh an dàrna pàirt dhen t-seirbheis, a Bheinn na Fadhla, a chur dheth air sgàth 'adhbharan obrachaidh'.

Dhiùlt Mgr MacFhionghain tairgse a chur a dh'Uibhist ann an càr agus bàt'-aiseig air sàilleabh 's nach robh e a' faireachainn gu math.

Dh'iarr a theaghladh gun deadh a chur a Ghlaschu far a bheil a mhac, agus dùil aige feuchainn a-rithist a dhol a Bheinn na Fadhla Dihaoine, ach b' fheudar dhan itealan sin a dhol a Dhùn Èideann is trioblaid ann leis na solais aig Port-adhair Ghlaschu.

Fhuair Mgr MacFhionghuin dhachaigh slàn sàbhailte ach chan eil an teaghlach idir riaraichte le mar a làimhsich Loganair an suidheachadh.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad duilich mu na thachair, ach gun robh e a-mach às an àbhaist agus gur e trioblaidean teicnigeach bu choireach.