"Sheall e gaol do dhaoine a bha air iomall ghnothaichean"

Tha na milleanan mòra air feadh an t-saoghail a' dèanamh luaidh air a' Phàpa Prainnseas, a chaochail Diluain na Càisge aig aois 88.

Bidh tòrradh a' Phàpa ann Disathairne.

Tha Donalda McComb, a tha na Caitligeach, ag ràdh gun robh am Pàpa Prainnseas "beò san t-Soisgeul" is gun do sheall e gràdh gu h-àraidh do dhaoine a bha air an iomall.