Tòrradh a' Phàpa gu bhith ann Disathairne

Sgaoil am Bhatacan dealbhan den Phàpa na chiste
- Air fhoillseachadh
Dhearbh a' Bhatacan gum bi tòrradh a' Phàpa Prainnseas ann Disathairne.
Chaochail am Pàpa madainn Diluain na Càisge às dèidh dha stròc agus fàiligeadh cridhe fhulang.
Bha e 88.
Tha Caitligich air feadh an t-saoghail air a bhith a' dèanamh luaidh air.
Ann am brath madainn Dimàirt, thuirt a' Bhatacan gun tèid corp a' Phàpa a thoirt gu Bàislig an Naoimh Peadar madainn Diciadain aig 10:00m àm ionadail (09:00 BST).

Càirdinealan am measg an t-sluaigh ann an Ceàrnag an Naoimh Peadar Dimàirt
Bidh a' chiste an sin gu là an tòrraidh is cothrom aig an t-sluagh urram a shealltainn.
Tòisichidh an tòrradh fhèin aig 10:00m àm ionadail Disathairne (09:00m).
Bidh an t-seirbheis a-muigh air beulaibh Bàislig an Naoimh Peadar agus 's e deadhan Colaiste nan Càirdinealan, Giovanni Battista Re, a bhios os a cionn.
Às dèidh na seirbheis, thèid corp a' Phàpa a thoirt gu Basilica di Santa Maria Maggiore.
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
'S e Prainnseas a' chiad Phàpa ann an còrr is 100 bliadhna a bhios air a thiodhlacadh taobh a-muigh na Bhatacain.
Bha e fhèin air ròghnachadh gun robh e 'son a bhith air a thiodhlacadh ann am Basilica di Santa Maria Maggiore.
Bha Pàpa Prainnseas cuideachd bho chionn ghoirid air cead a thoirt do phlanaichean gus pròiseas an tòrraidh a dhèanamh nas sìmplidh.
Tha seirbheisean ann air feadh an t-saoghail gus luaidh a dhèanamh air a' Phàpa.
