Bile ùr nan Cànanan Albannach air fhoillseachadh

- Air fhoillseachadh
Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Bìle ùr nan Cànanan Albannach.
Bheir am bile inbhe oifigeil don Ghàidhlig agus do dh’Albais agus bheir e cumhachd do chomhairlean sgìrean ainmeachadh far am faigheadh a' Ghàidhlig tuilleadh taice.
Bidh dleastanas cuideachd air Bòrd na Gàidhlig gus innse mu adhartas a nì iad a thaobh na ro-innleachd chànain aca.
Bidh aca cuideachd ri innse mura h-eil ùghdarrasan ionadail a' cumail ri na dleastanasan aca gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an sgìrean.

Feumaidh Bòrd na Gàidhlig innse mu adhartas a nì iad san ro-innleachd aca.
Thèid cumhachd a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail inbhe a thoirt do dh’àite a tha “sònraichte a thaobh chànain” ma tha:
- Co-dhiù 20% den t-sluagh le comas Gàidhlig a chleachdadh
- Tha ceangal eachdraidheil ri cleachdadh na Gàidhlig aig àite
- Tha foghlam Gàidhlig ri fhaighinn ann an àite, no gu bheil tachartasan Gàidhlig sònraichte a' gabhail àite

Cha bhi còir laghail nàiseanta do phàrantan air foghlam Gàidhlig do an cuid chloinne, ged a bhios cumhachd aig ministearan inbhean foghlaim a stèidheachadh.
Bidh dleastanas cuideachd air ministearan Albannach foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh.
A rèir a’ bhile feumaidh e a bhith soilleir gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig cuideachd na phàirt de phlanaichean aig ùghdarras ionadail gus foghlam anns an fharsaingeachd a thoirt seachad.

A bharrachd air Gàidhlig, tha Albais cuideachd sa bhile ùr.
Am measg nan ceumannan a-nochd sa bhile a’ toirt taic do dh’Albais, tha gu bheil aig ministearan Albannach ri ro-innleachd ùr a chruthachadh airson taic a chumail ris a’ chànan.
Bidh cumhachd cuideachd aig Holyrood gus comhairle a thoirt seachad do dh’ùghdarrasan ionadail mu mar as fheàrr Albais a bhrosnachadh.
Agus bidh dleastanas air ministearan Albais a bhrosnachadh ann an sgoiltean na dùthcha, agus comhairle a dhealbhachadh air mar as fheàrr foghlam Albais a thoirt seachad.