Fhuaireadh fear-coise, 76, an dèidh a dhol a dhìth air Slighe a' Phairbh

Bha Iain Currie a' coiseachd air an staran iomallach air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Chaidh lorg fhaighinn air fireannach a chaidh a dhìth bho chionn ochd là an dèidh dha a dhol a choiseachd air slighe iomallach air a' Ghàidhealtachd.
Chaidh Iain Currie, 76, à Dùn Èideann, fhaicinn mu dheireadh Dimàirt an 16mh den t-Sultain nuair a dh'fhàg e sgìre Ghleann Fhionnainn 's e a' dèanamh air Slighe a' Phairbh.
Cha do ràinig e Ostail Inbhir Aoidhe feasgar Diardaoin mar a bha dùil agus bha dragh ann gun deach e air seachran.
Dhearbh na poilis Diciadain gun deach a lorg agus thug iad taing dhaibhsan a sgaoil fiosrachadh mun tagradh aca mu dheidhinn.
Bha oifigearan speisealach, na maoir-chladaich, luchd-teasairginn nam beann ionadail agus bhon RAF le coin-chobhair uile an sàs san iomairt lorg fhaighinn air Mgr Currie.