A9: dùil ri cùmhnant 'son earrainn na Mòighe an ath-mhìos
![Ro-shealladh den rathad leasaichte](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/704/cpsprodpb/4194/live/3da8f0a0-23fb-11ef-a372-d7779a136bba.jpg)
- Air fhoillseachadh
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil dùil aca cùmhnant a thoirt seachad an ath-mhìos airson an t-earrann den A9 eadar an Tom Aitinn agus a' Mhòigh a dhèanamh dà-fhillte.
Thug Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, fiosrachadh do bhuill aig Holyrood mun phròiseact, air a bheil maill, Diciadain.
Thuirt i gun gabh amas an Riaghaltais an rathad air fad eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte ro 2035 coileanadh.
Tha seo a' tighinn agus Caidreachas nan Gnothachasan Beaga air Ghàidhealtachd air rabhadh a thoirt seachad nach gabh eaconomaidh a' chinn a tuath ris an tuilleadh maille air a' phròiseact.
"Gun teagamh, tha a bhith a' cumail dhaoine sàbhailte agus beò cudromach a thaobh leasachadh an A9," thuirt Daibhidh Richardson, bhon bhuidhinn.
"Gun teagamh tha sin cudromach.
"Ach tha e cuideachd mu dheidhinn a bhith a' cumail ghnothachasan agus choimhearsnachdan beò.
"Tha e cudromach cuideachd airson in-ionmhas san sgìre on taobh a-muigh.
"Tha an Saor-phort Uaine againn a-niste.
"Ma tha gnothachasan a' dol a choimhead ri gluasad gu sgìre Inbhir Nis agus ceann a-staigh Linne Mhoireibh, bidh iadsan ag iarraidh faighinn dhan chòrr den dùthaich cuideachd.
"Mar sin, tha an eaconomaidh air fad, na coimhearsnachdan, tha a h-uile rud a' crochadh air deagh cheangaileachd.
"Tha e riatanach gun tèid seo air adhart cho luath 's a ghabhas.
"Cha ghabhar idir ri bhith ga chur air ais gu an dèidh 2035," thuirt e.