Briseadh dùil do mhuinntir Thiriodh is iad gun bann-leathann fhathast

- Air fhoillseachadh
Thuirt muinntir Thiriodh gur e briseadh-dùil a bh' ann dhaibh cho beag diù sa chuir Riaghaltas na h-Alba sa chùis agus trì seachdainean ann bho chaill an t-eilean an t-seirbheis bann-leathann aca.
Dh'innis a' chompanaidh OpenReach gun deach milleadh a dhèanamh air a' chàball eadar an t-eilean agus Tobar Mhoire ann an Stoirm Amy aig toiseach na mìos.
Aig coinneamh a chaidh a chumail ann an Tiriodh Diluain, dh' iarr Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Thiriodh gum biodh e air clàr na coinneimh gun robh freagairt an Riaghaltais Albannaich don chùis air a bhith muladach, a dh'aindeoin iomadach oidhirp a thogail le oifigich.
Thuirt Rhoda Meek, Ceannard Conaltraidh an Urrais, gun robhar a' cur fios gu seirbheisich catharra agus gu oifis Rùnaire nan Cùisean Dùthchail mun ghnothach, an ìre mhath gu làitheil.
Fhuair Ms Meek freagairt bho Riaghaltas na h-Alba feasgar Diciadain mun gnothaich.
Tha BT air ceangal a dhèanamh ri Starlink do Bhun-sgoil Thiriodh, ris an Àrd-sgoil agus ri dachaigh-cùraim an eilein. Tha iad cuideachd air innealan 4G a thoirt do dhaoine so-leònta sa choimhearsnachd.
Ach tha fhathast a' mhòr-chuid de dh' eileanaich aig nach eil seirbheis air-loidhne.
Tha iad a' crochadh air seirbheis 4G nach eil anns a h-uile pàirt dhen eilean, hotspotan Wi-Fi poblach agus grunn cheangalaichean bann-leathainn coimhearsnachd.
Thuirt Niall MacPhàil, Cathraiche Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Thiriodh: "Tha fios againn gu bheil mòran ann an Riaghaltas na h-Alba a' faicinn Tiriodh mar àite a tha a' cur fàilte air daoine agus àite a tha math airson 'faighinn air falbh'.
"Tha e na bhriseadh-dùil gu math mòr dhuinn nach eil iad a' faicinn gun fhiach trioblaidhean Thiriodh fiù 's freagairt nuair a thilleas iad a Dhun Èideann."
Thuirt neach-labhairt do Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' conaltradh ri BT, OpenReach, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus buidhnean eile airson dèanamh cinnteach gun deadh ceangal fibre a thilleadh a Thiriodh.
Thuirt iad gun robh ministearan a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh agus gun robh am Prìomh Mhinistear air sgrìobhadh gu na diofar bhuidhnean a' cur ìmpidh orra fuasgladh fhaighinn cho luath sa ghabhas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An Dàmhair