Cultarlann Inbhir Nis gus na h-iuchraichean fhaighinn

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Cultarlann Inbhir Nis gu bheil dùil aca na h-iuchraichean airson an dachaigh ùr aca fhaighinn sa chola-deug ri thighinn is dùil aca tachartasan a chumail goirid às dèidh sin.
Thàinig a' bhuidheann gu aonta le Eaglais na h-Alba an-uiridh gus an seann Eaglais an Ear air Sràid na h-Acadamaidh ann am meadhan a' bhaile a cheannach.
Tha iad ag ràdh gu bheil dealbh soilleir aca mar-thà air na leasachaidhean a nì iad air an togalach.
Fhuair iad deagh naidheachd an t-seachdain seo fhèin le £90,000 a' tighinn bho Chomataidh Baile Inbhir Nis.
Dh'innis Murchadh Caimbeul bho Chultarann gun tèid an t-airgead sin a chosg gus blàths a chumail san togalach agus aig an dearbh àm cosgaisean teasachaidh a chumail sìos anns na bliadhnaichean ri thighinn.
'S e an ath-cheum na h-iuchraichean fhaighinn gu foirmeil is dùil aca Cultarlann gun tachair sin san ath chola-deug.
Thuirt Murchadh gu bheil iad an dùil an togalach a chur gu feum goirid às dèidh sin, fiù 's mus tòisich na leasachaidhean.
"Aon uair 's gum faigh sinn na h-iuchraichean, bidh sinn an uair sin ann an suidheachadh far an urrainn dhuinn tòrr de na rudan a tha nar n-inntinn a chur air bhonn agus an t-àite a chur air bhog.
Murchadh Caimbeul ag innse do BhBC Naidheachadan mar a tha na planaichean a' gluasad air adhart.
"Chan eil sinn a' dol a dh'fhuireach gus an tèid an leasachadh a dhèanamh air an eaglais fhèin, is tha sinn a' dol a thòiseachadh air cuid de rudan a dhèanamh a-staigh na broinn.
"Bidh treis ann mus tòisich an obair co-dhiù agus chan eil sinn gu bhith leis an togalach againn agus i a' cosg airgid dhuinn.
"An aon dòigh timcheall air sin, 's e a ruith mar ghnìomhachas", thuirt e.
Tha dùil gun toir e suas ri dà bhliadhna an leasachadh fhèin a dhèanamh is Cultarlann ag aideachadh gu bheil mì-chinnt ann fhathast air dè dìreach an clàr-ama a bhios aca airson sin.
Ach tha Mgr Caimbeul cinnteach às nach tèid maill a chur orra às bith dè thachras.
"Bidh e a rèir ciamar a thèid an obair air adhart. Ma thòisicheas iad a' dèanamh an àirde am pìos far an robh an eaglais fhèin ga cumail, chan urrainn dhuinn rudan a chur air bhonn gus am bi an obair seachad.
"Ach tha talla mòr againn air a chùl is gabhaidh sin a chur gu feum airson iomadach rud.
"'S e àite-bìdh anns a' chiad àite a tha sinn a' smaoineachadh air ach a bharrachd air sin, tha tòrr de rudan eile a ghabhadh cumail a-staigh na broinn cuideachd", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Samhain 2023