Stailc aig UHI

- Air fhoillseachadh
Bidh luchd-obrach aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean air stailc Dimàirt a' togail fianais mu ghearraidhean a dh'fhaodadh suas ri 44 cosnadh a chur ann an cunnart.
Tha sin a rèir Aonadh nan Oilthighean agus nan Colaistean a tha air cùlaibh na stailce.
Tha Oithigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI) airson £4m de ghearraidhean a dhèanamh is thigeadh £3m dhen a sin bho bhuidseat an luchd-obrach.
Thuirt an t-aonadh gun deigheadh daoine a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil cuideachd, ged a tha iad ag ràdh gu bheil cuid de luchd-obrach an dèidh iarraidh an dreuchdan fhàgail bho chionn ghoirid agus gun deach sin a dhiùltadh.
Bhòt an t-aonadh airson stailc air a' mhìos a dh'fhalbh.
Às dèidh stailce an là an-diugh, bidh feadhainn eile ann air an 25mh den mhìos airson dà latha, agus an uairsin air an 31mh airson trì latha.
Thuirt neach-labhairt bho UHI gu bheil na gearraidhean riatanach air sgàth dìth maoineachaidh agus gun tug iad cuireadh do riochdairean an aonaidh còmhraidhean a chumail.
Tha iad ag ràdh cuideachd gum feuch iad ri buaidh nan stailcean a lùghdachadh.