Deireadh linn don Red Hot Highland Fling

Cleasan-teineTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh a dhearbhadh nach tèid an Red Hot Highland Fling a chumail tuilleadh, 's e a-niste ro chosgail.

Dhearbh Buidheann-obrach Thachartasan agus Fhèisean Inbhir Nis nach gabh tachartas Callainn phoblach maoineachadh tuilleadh le Maoin Maith Choitchinn a' bhaile.

Chaidh an tachartas a chumail an toiseach ann an 2008, agus e an-asgaidh do dhaoine gu 2023 nuair a chaidh ticeadan a reic airson cuideachadh le cosgaisean.

Bhiodh slòigh timcheall air 10,000 a' nochdadh, ach chaidh sin a chuingealachadh gu 5,000 nuair a chaidh ticeadan a chur an sàs.

Chaidh a chur dheth trì tursan - ann an 2009 ri linn cathadh, ann an 2020 ri linn Chovid, agus an-uiridh le obair ga dhèanamh air Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath.

Co-obrachadh

"Gu mì-fhortanach, tha sinn air deireadh linne a ruighinn airson an Red Hot Highland Fling," thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Glynis Nic na Ceàrdaich.

"Tha còmhlain iongantach air nochdadh ann thar nam bliadhnaichean, le luchd-èisteachd math dha-rìribh, agus bu mhath leam taing a thoirt dhaibhsan uile a th' air tighinn ann.

"Rinn a' bhuidheann-obrach a h-uile oidhirp sna mìosan mu dheireadh bruidhinn ri gnothachasan aoigheachd am meadhan a' bhaile agus eile feuch an gabhadh tachartas cumail ann am meadhan Inbhir Nis tro cho-obrachadh, agus le maoineachadh bho Mhaoin Mhaith Choitchinn a' bhaile.

"Gu mì-fhortanach ge-tà, cha tàinig molaidhean sam bith air adhart, agus chan fhiach e tuilleadh airgead na maoine a chur an sàs ann an tachartas Callainn."