Àrdachadh ann an luchd-labhairt na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Tha 12,000 a bharrachd dhaoine an Alba ag ràdh gum bruidhinn iad a' Ghàidhlig, a rèir nam figearan as ùire bho Chunntas-sluaigh 2022.
Dh'èirich an àireamh bho 57,375 ann an 2011, gu 69,701- àrdachadh de 21% air na bh' ann an turas mu dheireadh.
Dh'èirich cuideachd an àireamh dhaoine a dh'innis gu bheil comas air choireigin aca sa chànan - eadar bruidhinn, tuigsinn, leughadh is sgrìobhadh - gu 130,161 - 2.5% de shluagh na h-Alba.
Tha fiosrachadh cuideachd air fhoillseachadh mu aois nan daoine aig a bheil Gàidhlig - a' sealltainn gu bheil 40,897 duine a thuirt gum bruidhinn iad an cànan a tha nas òige na 50.
Sin an coimeas ri 28,823 nas sine na 50 le comas labhairt.
Tha 25,172 de luchd-labhairt nas òige na 30.
Tha buaidh luchd-ionnsachaidh - gach cuid an fheadhainn a th' air an cànan ionnsachadh gu beag no gu mòr - air na figearan nàiseanta sin.
Aig ìre ionadail, tha an dealbh nas dubhaiche.
Na h-Eileanan Siar
Anns na h-Eileanan Siar, tha an àireamh air tuiteam fo dhàrna leth an t-sluaigh airson a' chiad uair riamh.
Tha a' Ghàidhlig aig 45% de mhuinntir nan Eilean Siar - an taca ri 52.3% ann an 2011 - 7% nas ìsle.
Tha comas air choireigin aig 57.2% de mhuinntir na sgìre.
Anns an dà sgìre comhairle eile ann an Alba far a bheil an cànan fhathast ga bruidhinn gu traidiseanta, tha àrdachadh air tighinn air na tha de dhaoine a bhruidhneas i ge-tà.
Ann an 2011, b' e Paraiste Bharabhais ann an Leòdhas an sgìre a bu treasa an Alba airson na Gàidhlig le 2,034 neach-labhairt (64%). Tha an àireamh sin a-niste aig 1,608 (55%).
A' Ghàidhealtachd
Ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd, dh'èirich an àireamh bho 5.4% ann an 2011, gu 8.1% ann an 2022.
Bha ìsleachadh beag san àireimh a bhruidhneadh a' Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach is Ratharsair eadar an dà chunntas-sluaigh.
Ann an 2011 bha 2,905 duine eadar an dà eilean (Ratharsair 48, an t-Eilean Sgitheanach 2,857) a-mach à sluagh 9,868 - a' fàgail gun robh an cànan aig 29.4% den t-sluagh.
Ann an 2022 ge-tà, a-mach à sluagh a bh' air èirigh gu 10,450, bha 2,708 duine eadar an dà eilean (Ratharsair 38, an t-Eilean Sgitheanach 2,670) a bhruidhneadh an cànan (25.9%)
Tha an t-ìsleachadh air a bhith nas motha a thaobh ceudad an t-sluaigh ann an Ratharsair.
A dh'aindeoin 's gu bheil dìreach deichnear nas lugha duine anns an eilean le Gàidhlig, an taca ri 30.37% de shluagh 158 ann an 2011, chan eil ach 20.8% de mhuinntir Ratharsair a-niste a' bruidhinn a' chànain, 's sluagh an eilein air èirigh gu 183.
Ann an 2011 b' e Cille Mhoire a-mhàin a bh’ anns an Eilean Sgitheanach le mòr-chuid (ged nach b' e mòr-chuid de luchd-labhairt a bh’ ann buileach, ach mòr-chuid a’ toirt a-steach comas air choireigin sa chànan).
A-nise chan eil sin fìor ann am paraiste sam bith san Eilean Sgitheanach.
Ann an 2011 bha 365 duine ann an Cille Mhoire (46%) a bhruidhneadh a' Ghàidhlig, agus 419 duine a bharrachd le comas tuigse no leughaidh ach nach bruidhneadh i, 's sin còmhla a' tighinn gu 52.8% de mhuinntir na sgìre.
Ach tha an cunntas-sluaigh mu dheireadh a' sealltainn 338 duine a bhruidhneadh i, 's sin air ìsleachadh gu 40%. Fiù 's a' toirt a-steach an fheadhainn a thuigeas no a leughas ach nach bruidhinn ge-tà, tha an àireamh sin (410) còmhla ris an luchd-labhairt a' dèanamh suas dìreach 48.8%.
Aig ceann eile an eilein, ann an Slèite, far a bheil Sabhal Mòr Ostaig, tha cùisean air a bhith nas seasmhaiche - a dh'aindeoin àrdachaidh air an àireimh-sluaigh gu lèir.
Ann an 2011, bha a' Ghàidhlig ga bruidhinn le 344 duine an Slèite - 38.7% den 888 duine a bha a' fuireach san sgìre.
Bha 62 a bharrachd le comas air choireigin innte, 's còmhla ris an luchd-labhairt bha sin a' dèanamh suas 45% den t-sluagh. Bha 54% den t-sluagh, 482 duine, gun Ghàidhlig.
Ann an 2022, bha sluagh Shlèite air èirigh gu 1,007.
Bha comas labhairt aig 388 duine - 38% den t-sluagh - le 79 duine eile le comas air choireigin - còmhla 46%.
Bha an 541 duine gun Ghàidhlig san sgìre a' dèanamh suas cuibhreann na bu lugha den t-sluagh - 53%.
Earra-Ghàidheal is Bòd
Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, dh'èirich i bho 4% den t-sluagh ann an 2011, gu 6.2%.
Tha na figearan ann an Tiriodh caran seasmhach - tha 230 duine san eilean a bhruidhneas a' Ghàidhlig a-mach à sluagh 673.
Tha sin an taca ri 240 a bhruidhneadh i ann an 2011, 's 626 duine a' fuireach san eilean.
Tha ge-tà, nas lugha (34%) den t-sluagh leis a' chànan, an taca ri 38% ann an 2011.
Ann an Ìle, tha an t-ìsleachadh air a bhith nas motha.
Ann an 2011, a-mach à sluagh 3,160 bha 597 duine a bhruidhneadh Gàidhlig (19%).
Ann an 2022, agus an sluagh air a dhol sìos beagan gu 3,105, dh'innis 482 duine (15.5%) gun robh a' Ghàidhlig aca.
Glaschu is Dùn Èideann
'S ann an Glaschu a bha an t-àrdachadh as motha air luchd-labhairt na Gàidhlig.
Ann an 2011, bha 5,891 duine sa bhaile a bhruidhneadh Gàidhlig - le sluagh iomlan 572,733 (1.02%).
A rèir fhigearan 2022, tha a-niste 3,071 a bharrachd Ghàidheal sa bhaile - 8,962 - le sluagh 603,203 (1.5%).
Ann an suidheachadh coltach ri Glaschu 's dòcha nach eil an coimeas eadar na tha de Ghàidheil agus na tha de dhaoine sa bhaile san fharsainneachd gu mòran feum - ach tha e a' sealltainn àrdachaidh anns a' cheudad den t-sluagh leis a' chànan.
Thàinig àrdachadh mòr air an àireimh dhaoine le Gàidhlig ann an Dùn Èideann cuideachd - le 1,471 duine a bharrachd ga bruidhinn.
Ann an 2011 bha 3,157 duine a bhruidhneadh a' Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, a-mach à sluagh 460,103 (0.7%).
A rèir fhigearan 2022 ge-tà, bha 4,628 de luchd-labhairt a' fuireach sa phrìomh bhaile, a-mach à sluagh 501,268 - a' fàgail gu bheil a' Ghàidhlig a-niste aig 0.9% de mhuinntir a' bhaile.
Cunntasan-sluaigh bho 1891 - 2022
Bliadhna Àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig
1891 254,451
1901 230,806
1911 202,398
1921 158,779
1931 136,135
1951 95,447
1961 80,978
1971 88,892
1981 79,307
1991 65,978
2001 58,652
2011 57,602
2022 69,701