Deasbad Bhile Ath-leasachaidh an Fhearainn a' leantainn aig Holyrood

Pàrlamaid na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Leanaidh deasbad aig Holyrood Diciadain air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn mus tèid a' bhòt mu dheireadh a chumail air an ath-sheachdain.

'S e pròiseas fada a th' ann is cha mhòr 400 atharrachadh air an cur air adhart.

Mus do thòisich an deasbad Dimàirt chualas beachd gum bu chòir am pròiseas a stad rè ùine is luchd-iomairt ag ràdh gu bheil laigsean mòra sa bhile.

Chaidh deasbad a dhèanamh oidhche Mhàirt mun ùine a bu chòir a thoirt do mhinistearan co-dhùnadh a dhèanamh mu reic oighreachdan mòra.

Bha eas-aonta ann cuideachd mun ùine a bu chòir a thoirt do choimhearsnachdan ùidh a chlàradh ann a bhith a' gabhail seilbh air fearann.

Thuirt am BPA Tòraidheach Eideard Mountain gun robh e airson 's gun stèidhichear ceann-ùine sa Bhile a bheireadh air ministearan co-dhùnaidhean a dhèanamh an ìre mhath luath.

Thuirt e gun robh ministearan a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean nan ùine fhèin millteach do dh'uachdarain a bhiodh airson an cuid fearainn a reic, agus millteach cuideachd don Riaghaltas fhèin.

Dhiùlt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, gabhail ris a' bheachd sin ge-tà, agus ise ag ràdh gu bheil e cudromach gum bi ùine gu leòr aig ministearan tighinn gu co-dhùnaidhean ceart.

Thuirt i nach robh na molaidhean a chuir Mgr Mountain air adhart air an dealbh gu ceart, 's gum faodadh iad a bhith nan cnapan-starra san àm ri teachd.

Tha dùil gum bi a' bhòt mu dheireadh air a' bhile ann Dimàirt an ath-sheachdain.

Cuideachd Diciadain, gabhaidh Comataidh nan Cùisean Dùthchail 's nan Eilean aig Holyrood fianais mu Bhile na Croitearachd agus Cùirt an Fhearainn.

Cluinnidh iad bho riochdairean Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus bho Bhunait Croitearachd na h-Alba.