Bile connspaideach an Fhearainn aig an treas ìre le rabhadh gum bu chòir a tharraing rè ùine

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh buill Pàrlamaid na h-Alba air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn a dheasbad aig an treas ìre Dimàirt is rabhadh ann gum bu chòir am pròiseas a stad gus barrachd sgrùdaidh a dhèanamh air.
Tha liosta gu math fada de dh'atharrachaidhean ro bhuill Holyrood is draghan ann nach eil am bile mar a tha e gu bhith èifeachdach.
Chaidh am bile a thoirt air adhart bho thùs sa Mhart 2024 leis a' cho-bhanntachd riaghlaidh a bh' ann eadar an SNP is na h-Uainich.
A' bruidhinn aig an àm, thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, nach robh e ceart gu bheil "sealbh is smachd air tòrr de dh'fhearran na h-Alba fhathast ann an làmhan àireamh an ìre mhath beag de dhaoine".
Thuirt an Riaghaltas gun robh iad 'son "cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan barrachd chothroman a bhith aca sealbh a ghabhail air fearann".
Thuirt iad cuideachd gun cuireadh am bile uallach laghail air uachdarain mhòra sealltainn mar a tha iad a' cur fearainn gu feum is conaltradh a dhèanamh le coimhearsnachdan.
Ach bha connspaid ann cha mhòr sa bhad is luchd-iomairt ag ràdh nach robh am bile idir a' dol fada gu lèor.
Taic am prionnsabal do Bhile ùr an Fhearainn
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
'Bile cho lag 's a chunnaic Holyrood a-riamh'
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
Nam measg bha Andy Wightman, a bha roimhe na BhPA Uaineach is a th' air a bhith a' rannsachadh is a' sgrìobhadh mu ath-leasachadh an fhearainn fad iomadh bliadhna.
A' bruidhinn sa Mhàrt am-bliadhna, thuirt Mgr Wightman gur e "am bile as laige air ath-leasachadh fearainn a chunnaic Holyrood a-riamh".
Air a' mhìos seo chaidh sgrìobh 16 buidhnean litir fhosgailte gu Màiri Gougeon agus iad ag ràdh gun robh feum air atharrachaidhean bunaiteach sa bhile.
Chuir Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Urras Iain Muir, is Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba, ainm ris an litir, a thuilleadh air Mgr Wightman.
Am measg nam molaidhean aca, bha a bhith a' cur casg air na th' ann de dh'fhearann as urrainn a bhith aig daoine, fearann ann am bailtean na dùthcha a thoirt a-steach dhan reachdas, measadh poblach nas làidire a dhèanamh air feadhainn a tha 'son fearann a cheannach, agus òrdughan ceannaich a chur an sàs gus làraichean a tha bàn a chur gu feum.
Thuirt Josh Doble bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba nach toireadh am bile "crathadh air na structaran bunaiteach a tha a dhìth airson coimhearsnachd dhùthchail a chuideachadh", is gun robh cunnart ann "gun tèid cothrom fìor mhòr a chall".
Thuirt Màiri Gougeon às dèidh sin gun robh Riaghaltas na h-Alba ag obair gus am bile a neartachadh agus gur docha gun rachadh iomradh a thoirt air measadh a thaobh maith a' phobaill a chur ann.
Tha i ag ràdh gu bheil am bile "àrd-amasach mu atharrachaidhean a dhèanamh do choimhearsneachdan dùthchail agus eileanach".
Feum air "atharrachadh bunaiteach" air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn
- Air fhoillseachadh5 An t-Sultain
Atharrachadh air fàire do Bhile Ath-leasachaidh an Fhearainn?
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain
Ach a' bruidhinn air thoiseach air an deasbad Dimàirt, nochd Andy Wightman dragh às ùr, taobh a-muigh is e ag ràdh gum biodh e ceàrr do Phàrlamaid na h-Alba "reachdas ùr, toinnte a sparradh air muinntir na h-Alba nach toir gu buil na h-atharrachaidhean a tha ministearan a' gealltainn. 'S e droch lagh a tha sin".
A' sgrìobhadh còmhla ris an fhear-lagha Don MacLeòid, a tha a' riochdachadh uachdaran mòra fearainn, dh'iarr e air Màiri Gougeon stad a chur air a' phròiseas agus am bile a thilleadh gu ìre comataidh gus barrachd sgrùdaidh a dhèanamh air.
Aig an dearbh àm, thàinig brath bhon bhuidhinn a tha a' riochdadhadh uachdaran na dùthcha is iad ag ràdh gu bheil "laigsean mòra" sa bhile.
Thuirt Fearann is Oighreachdan na h-Alba gum faodadh am bile "buille uabhasach a thoirt do dh'eaconomaidh dhùthchail na h-Alba".
Tha iadsan cuideachd ag ràdh gu bheil cunnart ann "gun tèid droch lagh a chruthachadh".
Tòisichidh an deasbad aig an treas ìre ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar Dimàirt.
Chaidh cha mhòr 400 atharrachadh, taobh a-muigh a chur air adhart is leanaidh an deasbad Diciadain is dùil nach bi bhòt ann gu anmoch air an là.
Bhiodh an uairsin a' bhòt mu dheireadh ann Dimàirt an 4mh den t-Samhain.