Navantia a' gealltainn £5m a chosg air Àranais

Ceannard teicneolais is oifigear ro-innleachd Navantia, Donato Martínez, aig Àranais madainn Diardaoin
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh Navantia ag ràdh gun cosg iad £5m air gàrradh-togail Àranais ann an Leòdhas san ùine ghoirid is gun tèid cosnaidhean ùra a chruthachadh.
Tha ceannardan na companaidh a' tadhal air a' ghàrradh Diardaoin airson a' chiad uair bho ghabh iad thairis e bho Harland & Wolff, a bha ga ruith.
Bha iad Diciadain aig gàrradh Methil ann am Fìobha, còmhla ris a' Phrìomh Mhinistear, agus iad air chuairt chun nan goireasan a tha a-nis fon smachd.
Buinidh Navantia do Riaghaltas na Spàinne is iad an-dràsta a' cumail cosnaidh ri còrr is 4,000 neach - le prìomh làrach na companaidh ann an Cadiz.
Tha Navantia air gealltainn obair-leasachaidh a dhèanamh aig na gàrraidhean Albannach.
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan aig Àranais madainn Diardaoin, thuirt Navantia gun cuir iad £5m a-steach a dh'Àranais san ùine ghoirid is gun tèid obraichean ùra a chruthachadh.
Thuirt iad cuideachd gu bheil an gàrradh ann an deagh shuidheachadh tuilleadh phròiseactan ath-nuadhachail a thàladh.